Home Mu UHI Riaghladh A’ Chùirt Ballrachd den chùirt Malcolm Burr

Malcolm Burr

Ball den chùirt air a chur an dreuchd le ùghdarrasan ionadail

Tha Malcolm Burr air a bhith na cheannard air Comhairle nan Eilean Siar bhon t-Samhain 2005. Ron sin bha dreuchdan aige le Comhairle Eileanan Arcaibh, mar leas-cheannard, agus le Comhairle nan Eilean agus Comhairle Sgìreil Srath Chluaidh ann an seirbheisean laghail. ’S ann à Dùn Èideann a tha Malcolm, agus tha ceumannan aige ann an lagh bho Oilthighean Dhùn Èideann is Cambridge.

Is iad na h-ùidhean aige leughadh, cùisean an là, cuairtean agus a bhith a’ leantainn ball-coise is rugbaidh. Tha e a’ fuireach ann an Steòrnabhagh agus tha e pòsta aig Criosaidh.