Home Mu UHI Riaghladh A’ Chùirt Ballrachd den chùirt Max Haddow-Mendes

Max Haddow-Mendes


Iar-Cheann-Suidhe Chomann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (Foghlam Adhartach)

Tha Max Haddow-Mendes ag ionnsachadh air cùrsaichean foghlam adhartach ann an saidhceolas, nua-eòlas, matamataig agus Beurla aig Colaisde a’ Chaisteil UHI. Bho thùs ’s ann à Devon a tha e ach às dèidh tighinn gu Alba tha e air gabhail leis a h-uile rud a tha aig an roinn-dùthcha ri thabhann. Tha e mar iar-cheann-suidhe airson foghlam adhartach le Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean.


Tha Max an dòchas oileanaich aig ìre foghlam adhartach a thoirt nas fhaisg air a chèile ann an diofar dhòighean agus tha e na rùn an cothrom a th’ ann air clubaichean agus comainn a chur am farsaingeachd. Tha e dìoghrasach agus dealasach airson guthan oileanaich foghlam adhartach air feadh na roinn-dùthcha a bhith air an cluinntinn.