Home Mu UHI Riaghladh A’ Chùirt Ballrachd den chùirt An t-Oll Mìcheal Foxley

An t-Oll Mìcheal Foxley

Cathraiche bòrd sgìreil an fhoghlaim adhartaich

Tha an t-Oll Mìcheal Foxley air a bhith ag iomairt airson chothroman foghlaim air a’ Ghàidhealtachd an Iar a neartachadh fad ùine mhòr. Mar thoradh air na h-oidhirpean aige, thàinig Colaiste Loch Abar UHI agus Colaiste an Eilean Sgitheanaich is Rois an Iar còmhla mar Cholaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI anns an Lùnastal 2010, leis an Oll Foxley mar chathraiche. Leig e seachad a dhreuchd aig a’ cholaiste nuair chaidh e na chathraiche air bòrd sgìreil foghlam adhartach an oilthigh as t-samhradh 2014.

Tha Mìcheal na chroitear agus leig e dheth a dhreuchd mar GP. B’ àbhaist dha a bhith na stiùiriche air Comhairle na Gàidhealtachd, agus na bhall de Bhòrd na Gàidhlig.