Home Mu UHI Riaghladh A’ Chùirt Ballrachd den chùirt Peadar Caimbeul

Peadar Caimbeul

Ball den chùirt, foghlam adhartach


Is e Peadar Caimbeul cathraiche Bòrd nan Riaghladairean aig Colaiste Shealtainn UHI agus bidh e a’ riochdachadh ùidhean an fhoghlaim adhartaich air cùirt an oilthigh. Leig Peadar a dhreuchd dheth mar thidsear bun-sgoil. Tha e air a bhith a’ fuireach ann an Sealtainn fad còrr is dà fhichead bliadhna. Thàinig e dha na h-eileanan an toiseach mar cheannard-sgoile agus miseanaraidh Eaglais na h-Alba air Eilean Foula, is mòran den bheachd gur e an t-eilean as iomallaiche am Breatainn air a bheil daoine fhathast a’ fuireach.

Agus e air a thaghadh mar bhall de Chomhairle Shealtainn sa Chèitean 2012, chaidh a chur an dreuchd mar leas-chathraiche a Bhòrd Stiùiridh. Anns a’ Chèitean 2014 thàinig e na chathraiche air Bòrd na Colaiste, na bhall de Chùirt Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus na Bhall de Bhòrd Sgìreil Foghlam Adhartach na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Tha ùidh mhòr aig Peadar ann an trèanadh-seòlaidh. Tha e na chathraiche air Sail Training Shetland, buidheann ionadail a’ toirt cothroman do dhaoine òga a thaobh trèanadh-seòlaidh, agus na rùnaire air SWAN, “soitheach àrd” aig Sealtainn, air a thogail ann an Learaig ann an 1900.