Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Dìon Dàta Iarrtas Fiosrachaidh leis a’ Chuspair

Iarrtas Fiosrachaidh leis a’ Chuspair

A rèir Achd Dìon Dàta 1998, tha còir aig luchd-obrach, oileanaich is feadhainn eile a dh’uisnicheas an t-Oilthigh dàta pearsanta fhaicinn a bhuineas riutha fhèin agus a tha air a chumail leis an Oilthigh ann an cruth eileagtronaigeach agus/no clàran làmh-ghleusach a tha nam pàirt de 'cho-rian faidhlidh buntainneach’.

Bu chòir do dhuine sam bith a tha ag iarraidh a’ chòir seo a chur an gnìomh fios a chur a-steach leis an fhoirm seo airson iarrtas fiosrachaidh leis a’ chuspair.

Is e am poileasaidh a th’ aig an Oilthigh san fharsaingeachd a bhith fosgailte a thaobh leigeil le daoine am fiosrachadh pearsanta fhèin fhaicinn agus uair sam bith a ghabhas feuchaidh sinn ris a’ chìs rianachd de £10 (a cheadaichear a rèir na h-Achd) a leigeil seachad.

Faodaidh gum bi an t-Oilthigh a’ cumail chlàran pearsanta ann an diofar phàirtean den bhuidhinn.  A chuideachadh leinn am fiosrachadh a tha a dhìth oirbh a thoirt dhuibh, thoiribh dhuinn am fiosrachadh a leanas mas e ur toil e:

Mion-fhiosrachadh
Oileanaich
A bheil sibh no an robh sibh nur n-oileanach san oilthigh?  


Luchd-obrach
A bheil sibh no an robh sibh nur ball den luchd-obrach?


Feadhainn eile (nach eil nan luchd-obrach no nan oileanaich)