Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Dìon Dàta Na h-Ochd Prionnsabalan

Na h-Ochd Prionnsabalan

Tha na Prionnsabalan a’ cur sìos mar a dh’fhaodar dàta a làimhseachadh gu laghail. Le ‘làimhseachadh’ gabhar a-steach a bhith a’ faotainn, a’ clàradh, a’ cumail no a’ tasgadh fiosrachadh agus a bhith a’ dèanamh obair sam bith air an dàta, a’ gabhail a-steach a bhith ga ath-chòireachadh, ga atharrachadh, ga uisneachadh, ga leigeil ris, ga ghiùlan thairis, ga dhubhadh às, agus ga sgriosadh.

  1. Thèid dàta pearsanta a làimhseachadh gu cothromach is gu laghail.
  2. Cha tèid dàta pearsanta a chumail ach air aon no barrachd adhbharan comharraichte is laghail agus cha tèid tuillidh làimhseachaidh a dhèanamh air ann an dòigh sam bith nach bi an co-chòrdadh ris an adhbhar no na h-adhbharan sin.
  3. Bidh dàta pearsanta foghainteach, buntainneach is gun a bhith anabarrach a thaobh an adhbhair a làimhsichear e air a shon.
  4. Bidh dàta pearsanta ceart agus far am bi e riatanach thèid a chumail ùraichte.
  5. Dàta pearsanta a làimhsichear air adhbhar sam bith, cha tèid a chumail nas fhaide na bhios feumail airson an adhbhair sin.
  6. Thèid dàta pearsanta a làimhseachadh a rèir chòirichean cuspair an dàta fon Achd Dìon Dàta.
  7. Thèid ceumannan teicnigeach agus eagrachail freagarrach a ghabhail an aghaidh dàta pearsanta a bhith air a làimhseachadh gun ùghdarras no gu mì-laghail agus an aghaidh an dàta a bhith air a chall no a sgrios a thaobh tubaist.
  8. Cha tèid dàta pearsanta a ghiùlan thairis chun dùthaich no tìr taobh a-muigh de dh’Àrainn Eaconamach na Roinn Eòrpa mura bi an dùthaich no an tìr sin a’ dèanamh cinnteach gum bi còirichean is saorachdan chuspairean dàta air an dìon gu ìre fhoghainteach a thaobh làimhseachadh dàta pearsanta.

Tha an Achd Dìon dàta a’ toirt mìneachadh air dàta pearsanta agus dàta pearsanta diogailteach an dà chuid. Is fheudar dhaibhsan a dh’uisnicheas dàta a bhith cinnteach gum bi na cumhaichean riatanach air an coilionadh a thaobh dàta pearsanta a làimhseachadh agus cuideachd gum bi na cumhaichean a bharrachd, nas teinne, air an coilionadh a thaobh dàta pearsanta diogailteach a làimhseachadh.

Is e àireamh chlàraidh an Oilthigh le Oifis a’ Choimiseanair Fhiosrachaidh: Z7137095. (Mion-fhiosrachadh a’ Chlàraidh)

Teisteanas clàraidh an oilthigh.