Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Gnothach a dhèanamh rinn Cothroman air cunnraidhean

Cothroman air cunnraidhean

Bidh an t-oilthigh a’ sanasachadh a h-uile cothrom a bheir e air cunnradh os cionn £25K (an dà chuid OJEU agus feadhainn fon stairsnich) air an làraich-stairsnich nàiseanta airson sanasachaidh, Cunnraidhean Poblach na h-Alba.

Tha Cunnraidhean Poblach na h-Alba a’ cuideachadh le bhith a’ ruigsinn air cothroman gnothachais poblach. Tha còrr is 47,000 solaraiche air an clàradh cheana agus 4,700 cothrom solair air an sanasachadh.

  • Le bhith a’ dol chun làrach-lìn Chunnraidhean Poblach na h-Alba bidh cothroman cunnraidh an oilthigh air fad ri am faicinn do dhuine sam bith a dh’fhaodadh a bhith na sholaraiche dhuinn;
  • Gus an tèid aig feadhainn a dh’fhaodadh a bhith nan solaraichean air ùidh a chur an cèill ann an sanas agus gus am faigh iad brathan puist dhealain gun phàigheadh, nuair a dh’èireas cothroman san raon acasan, bu chòir dhaibh am fiosrachadh a chlàradh, agus
  • Tha clàradh gun phàigheadh, soirbh ri a thuigsinn agus cha toir e ach beagan mhionaidean dhaibh.

 

Clàr Chunnraidhean

Gus am bi sinn a rèir Achd Ath-leasachadh Solair 2014, tha againn, o 18 Giblean 2016, ri bhith a’ foillseachadh clàr de na “Cunnraidhean Riaghlaichte” againn air fad.

Tha iad seo air an sònrachadh mar an fheadhainn a tha os cionn £50K ann an luach feadh rèis a’ chunnraidh.

Gabhaidh an clàr againn faicinn an seo agus thèid seo ùrachadh fad na h-ùine an àm do chunnraidhean ùra a bhith air am buileachadh.

Ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh gin sam bith de na cunnraidhean seo, cuiribh fios ar n-ionnsaigh.