Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Gnothach a dhèanamh rinn Ro-innleachd agus amasan a thaobh solar

Ro-innleachd agus amasan a thaobh solar

Tha leasachadh is seasmhachd na h-àrainneachd fighte fuaighte am pròiseas planaidh ro-innleachdail an oilthigh, agus is e am prìomh amas againn cur ri leasachadh na roinne ann an dòigh chruth-atharrachail a thaobh an eaconamaidh, na h-àrainneachd, a’ chomainn-shòisealta agus a’ chultair.

Gu ìre, gabhaidh an t-amas seo toirt gu buil tro ro-innleachd sholair sheasmhach a nì cinnteach gum faigh an t-oilthigh an luach as fheàrr air airgead aig an aon àm ri bhith ag adhartachadh leasachadh is seasmhachd den t-seòrsa.

Le ro-innleachd sholair sheasmhach, thèid aig an oilthigh air a fheuman a riarachadh a thaobh bathar, sheirbheisean, obair is ghoireasachdan ann an dòigh a gheibh luach air airgead, air stèidh rè iomlan, a thaobh buannachdan a bhuileachadh, chan ann air an oilthigh a-mhàin, ach cuideachd air a’ chomann-shòisealta is an t-eaconamaidh, aig an aon àm ri bhith a’ lùghdachadh cho fhad ’s a ghabhas a’ chroin a nithear air an àrainneachd.

Le bhith a’ dol an grèim ri solar seasmhach, tha an ro-innleachd cuideachd a’ daingneachadh poileasaidh an oilthigh air slàinte, sàbhailteachd agus an àrainneachd agus a’ phlana riaghladh gualain aige.

Gus am bi solar seasmhach freumhaichte air feadh na sèine sholair, tha an t-oilthigh a’ cur nan amasan ro-innleachdail a leanas mar fhiachaibh air fhèin:

1.    Solar a ghabhail os làimh a rèir phoileasaidhean solair Riaghaltas na h-Alba agus reachdas solair na Roinn Eòrpa le bhith a’ dealbhadh prìomh phròiseasan is siostaman ceannaich a bhios fosgailte, trìd-shoilleir. A bhith a’ dèiligeadh gu cothromach, co-ionann ris na solaraichean air fad, agus a bhith cinnteach gur ann tro cho-fharpais fhosgailte, fhollaiseach a cheannaichear mura bi cùisean ann a bhios às an àbhaist;

2.    A bhith a’ dol an sàs ann an solar ro-innleachdail air dòigh a bhios stèidhichte air rè iomlan ghnothaichean agus solar seasmhach fhollaiseachadh air feadh an oilthigh;

3.    Cothrom a thoirt do dh’iomairtean beaga is meadhanach agus gnothachasan le taic a bhios uidheamaichte gu freagarrach às an sgìre fhèin a bhith a’ cur thairgsean a-steach airson gnothach ris an oilthigh;

4.    Cothroman a chomharrachadh a bhith a’ co-oibreachadh le càch, san roinn phoblaich agus san roinn phrìobhaidich an dà chuid, gus am bi roghainnean solair ann a bhios nas cosg-èifeachdaiche, nas ùr-ghnàthaiche agus nas seasmhaiche, agus

5.    A bhith a’ feuchainn ri coilionadh a thaobh solair a chur am feabhas gu leantainneach agus a bhith cinnteach gum bi gnìomhachdan solair fighte ri chèile.