Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Saorsa fiosrachaidh Earrainn 3 – Fiosrachadh a dh’fhaodas sinn cumail bhuaibh

Earrainn 3 – Fiosrachadh a dh’fhaodas sinn cumail bhuaibh

Is an t-amas againn ann a bhith a’ cumail suas an Iùil seo a bhith cho fosgailte ’s a ghabhas.  Bidh a h-uile fiosrachadh a thig fon sgeama fhoillseachaidh an darna cuid ri fhaotainn tron làraich-lìn againn, no air a thoirt seachad gun dàil nuair a gheibh sinn iarrtas bhuaibh.

Ma bhios fiosrachadh ann an sgrìobhainn a dh’fhaodas an t-Oilthigh a bhith ag iarraidh gu dligheach saoradh o bhith air a leigeil ris fo earrainn iomchaidh de laghan saorsa fiosrachaidh na h-Alba, (mar eisimpleir fiosrachadh pearsanta diogailteach no rùn-dìomhair malairteach), faodaidh gun toir sin am fiosrachadh às no gun dèan sinn deasachadh air mun cuir sinn an gnothach a-mach ach innsidh sinn dhuibh gun do rinn sinn sin is bheir sinn mìneachadh air an adhbhar a tha am fiosrachadh air a chumail bhuaibh.  Tha iùl Choimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba air fiosrachadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh o fhoillseachadh ri fhaicinn an seo:

http://www.itspublicknowledge.info/Law/FOISA-EIRsGuidance/Briefings.asp#exemptions

Ma tha sibh ag iarraidh gearan mu fhiosrachadh sam bith a chaidh a chumail bhuaibh, faicibh Earrainn 7 – Fios a chur chugainn.