Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Saorsa fiosrachaidh Earrainn 6 – Mar a dh’iarras sibh fiosrachadh nach eil ri fhaotainn fon sgeama seo

Earrainn 6 – Mar a dh’iarras sibh fiosrachadh nach eil ri fhaotainn fon sgeama seo

Mura bheil am fiosrachadh a tha bhuaibh ri fhaotainn fon sgeama fhoillseachaidh seo, faodaidh gum bi a dhìth oirbh a iarraidh oirnne.  Tha Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 a’ toirt còir dhuibh am fiosrachadh a tha sinn a’ cumail fhaicinn, le àireimh de shaoraidhean.  Tha Riaghailtean Fiosrachadh Àrainneachdail (Alba) 2004 a’ toirt còir fa leth am fiosrachadh àrainneachdail a tha sinn a’ cumail fhaicinn, agus Achd Dìon Dàta 1998 a’ toirt còir fiosrachadh pearsanta sam bith fhaicinn a th’ againn oirbh fhèin.  A-rithist, tha saoraidhean sònraichte an lùib nan còirichean seo.

Ma bhios a dhìth oirbh lethbhreac iarraidh de dh’fhiosrachadh sam bith a tha sinn a’ cumail nach eil ri fhaotainn fon sgeama seo, uisnichibh am foirm a tha air a sholar, mas e ur toil e, no cuiribh post dealain ar n-ionnsaigh aig foi@uhi.ac.uk

Air a chaochladh, sgrìobhaibh, mas e ur toil e, a dh’ionnsaigh:

An Rùnaire
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
12b Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ


Cìsean ri am pàigheadh air fiosrachadh nach eil ri fhaotainn fon sgeama

Tha na cìsean air fiosrachadh a tha ri fhaotainn fon sgeama seo ri am faicinn fo earrainn 4 – Am Poileasaidh againn a thaobh Chìsean.  Ma chuireas sibh iarrtas a-steach ar n-ionnsaigh airson fiosrachadh nach eil ri fhaotainn fon sgeama thèid na cìsean a chunntas mar a leanas:


Iarrtasan a thaobh fiosrachadh coitcheann

  • Cha bhi cìs sam bith an lùib iarrtasan fiosrachaidh a chostas £100 no nas lugha oirnn a làimhseachadh.
  • Far an cuir e costas oirnn eadar £100 agus £600 a sholar fiosrachadh faodaidh gun tèid iarraidh oirbh 10% den chostas a phàigheadh.  Mar sin, nan iarradh sibh fiosrachadh a chostadh £600 oirnn a sholar, rachadh iarraidh oirbhse £50 a phàigheadh, agus sin air a chunntas stèidhichte air a’ chiad £100 a bhith air a chur gu taobh agus 10% den £500 a bhiodh air fhàgail.
  • Chan eil e na dhleasnas oirnn freagairt a thoirt air iarrtasan a chostas barrachd is £600 oirnn an làimhseachadh.
  • An àm cìs sam bith a chunntas, thèid ùine luchd-obrach a chunntas a rèir costas fìrinneach na h-ìre thuarastail san uair a phàighear do gach ball den luchd-obrach suas ri £15 an duine san uair aig a’ char as àirde.
  • Cha chuir sinn cìs oirbh airson na h-ùine a bheir sinn a’ dèanamh a-mach a bheil am fiosrachadh a chaidh iarraidh againn, no airson na h-ùine a dh’fheumar a thoirt breith am faodar am fiosrachadh a thoirt seachad.  Faodaidh gun tèid cìsean a chur oirbh airson fiosrachadh a lorg, a thoirt à far a bheil e agus a sholar dhuibh.
  • Ma shocraicheas sinn cìs a chur oirbh, bheir sinn fios dhuibh air a’ chìs (brath chìsean) agus an dòigh a chaidh a cunntas.  Bidh trì mìosan agaibh on cheann-latha a thèid am brath chìsean a chur a-mach a shocrachadh am pàigh sibh a’ chìs.  Thèid am fiosrachadh a thoirt dhuibh nuair a bhios a’ chìs pàighte.  Ma chuireas sibh romhaibh gun dol air aghaidh leis an iarrtas cha tèid cìs sam bith a chur oirbh.


Cìsean air fiosrachadh àrainneachdail

Cha chuir sinn cìs oirbh airson na h-ùine a bheir sinn a’ dèanamh a-mach a bheil am fiosrachadh a chaidh iarraidh againn, no airson na h-ùine a dh’fheumar a thoirt breith am faodar am fiosrachadh a thoirt seachad. Faodaidh gun tèid cìsean a chur oirbh airson fiosrachadh a lorg, a thoirt à far a bheil e agus a sholar dhuibh.

Ma shocraicheas sinn cìs a chur oirbh, bheir sinn fios dhuibh air a’ chìs agus an dòigh a chaidh a cunntas. Thèid am fiosrachadh a thoirt dhuibh nuair a bhios a’ chìs pàighte. Ma chuireas sibh romhaibh gun dol air aghaidh leis an iarrtas cha tèid cìs sam bith a chur oirbh.

Bidh cìsean air an cunntas a rèir a’ chostais fhìrinnich a chuireas e air an ùghdarras am fiosrachadh a sholar.

  • Is e a ‘ chìs a chuirear air lethbhreacan a dhèanamh 10sg. air gach duilleag A4 airson lethbhreacan dubh is geal, 30sg. air gach duilleag A4 airson lethbhreacan le dathan.
  • Is e ìre fhìrinneach post a’ chiad chlas a chuirear air postachd.
  • Thèid ùine luchd-obrach a chunntas a rèir costas fìrinneach na h-ìre thuarastail san uair a phàighear do gach ball den luchd-obrach suas ri £15 an duine san uair aig a’ char as àirde.


Thèid a’ chiad chuibhreann luach £100 de dh’fhiosrachadh a sholar dhuibh gun phàigheadh.

Far am bi costas eadar £100 agus £600 an lùib fiosrachadh a sholar thèid iarraidh oirbh 10% den chostas a phàigheadh. Mar sin, nan iarradh sibh fiosrachadh a chostadh £600 oirnn a sholar, rachadh iarraidh oirbhse £50 a phàigheadh, agus sin air a chunntas stèidhichte air a’ chiad £100 a bhith air a chur gu taobh agus 10% den £500 a bhiodh air fhàgail.

Far an costadh e barrachd is £600 am fiosrachadh a sholar dhuibh, ge-tà, iarraidh sinn oirbh an costas iomlan a bhith a’ solar an fhiosrachaidh, is gun chuibhreann sam bith den chostas a bhith air a chur gu taobh.

Iarrtasan airson an dàta pearsanta agaibh fhèin

Mura bi a chaochladh air a chur an cèill, bidh fiosrachadh a tha air a liostadh taobh a-staigh den sgeama fhoillseachaidh seo agus dàta pearsanta ri fhaotainn gun phàigheadh, ach tha an t-Oilthigh a’ cumail na còire cìs a chur oirbh airson lethbhreacan de dh’fhiosrachadh a bheirear seachad air CD-ROM no ann an cruth sam bith eile nach pàipear, no mas e costas mì-reusanta a bhios an lùib an t-iarrtas a choilionadh.