8.1 Fiosrachadh coitcheann

Fiosrachadh coitcheann

Tha an earrainn seo a’ toirt a-steach fiosrachadh coitcheann a thaobh fios a chur chun UHI.

Tha e a’ gabhail a-steach fiosrachadh mun dòigh a ghearaineas sibh mu UHI, agus mar a leigeas sibh sgrìobhainnean foirmeil air.  Is e an t-amas a th’ aice fiosrachadh glè choitcheann a sholar don phobaill.  Bidh fiosrachadh nas mionaidiche air a thoirt seachad ann an catagaraidhean eile.

Tuillidh fiosrachaidh mu Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an Fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a Chumail air ais

Ainm is seòladh

Ainm na stèidheachd agus seòladh a prìomh oifis.

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
An Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Na prìomh oifigearan

Ainmean phrìomh oifigearan na stèidheachd

Prionnsapal, Iar-phrionnsapalan, deadhain, Rùnaire, Stiùirichean nan gnìomhan rianachd as cudromaiche.

Dreuchdan is dleasnasan nan àrd-oifigearan.  Dleasnasan agus fios mu eachdraidh-beatha (obrachail) nan daoine a nì co-dhùnaidhean ro-innleachdail agus gnìomhach mu choilionadh obrach agus/no liubhairt sheirbheisean.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Fiosrachadh conaltraidh

Fiosrachadh a thaobh mar a chuireas duine fios chun na stèidheachd

Fiosrachadh mun phuing chonaltraidh thòiseachail a bhoineas ris an raon a tha e coltach a bhios ùidh aig luchd-feòraich ann m.e. toirt a-steach

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Suidheachadh

Fiosrachadh mu phrìomh shuidheachadh agus suidheachaidhean as cudromaiche na stèidheachd, a’ gabhail a-steach mhapaichean de na h-àrainnean

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Uairean fosglaidh

Uairean fosglaidh phrìomh oifis(ean) na stèidheachd

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Cinn-latha na bliadhna acadaimigich

Fiosrachadh mu chinn-latha bhliadhnachan acadaimigeach na stèidheachd

Cinn-latha na bliadhna acadaimigich làthairich cho math ri bliadhnachan acadaimigeach ri tighinn, cho fhad ’s a bhios fhios

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Saor-làithean

Na cinn-latha a bhios an stèidheachd druidte

Druideadh gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ bhliadhn’ ùr

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

 

Gun phàigheadh

 

Gearanan

Modhan a thaobh mar a ghearaineas duine mun stèidheachd

Tha e glè choltach gum bi na mion-phuingean caochlaideach a rèir nàdar a’ ghearain/ghearanaiche.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Sgrìobhainnean a leigeil air an stèidheachd

Fiosrachadh conaltraidh airson sgrìobhainnean laghail a leigeil air an stèidheachd, m.e. Òrduighean Cùirt

An rian a thaobh sgrìobhainnean oifigeil a leigeil air an stèidheachd

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh