8.11 Slàinte is sàbhailteachd

Facal-toisich

Tha an catagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu phoileasaidhean slàinte is sàbhailteachd na stèidheachd, agus na poileasaidhean, na modhan-obrach is an clàr aice a thaobh measadh chunnartan. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Poileasaidhean slàinte is sàbhailteachd Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Poileasaidhean

Poileasaidhean, modhan-obrach is iùl a thaobh slàinte is sàbhailteachd

Mar a bhios an stèidheachd a’ cumail ri iùl is targaidean na Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd. Poileasaidhean measadh chunnartan. Structar rianachd is dleastanasan taobh a-staigh den roinn Slàinte is sàbhailteachd. Rèiteachaidhean ciad fhuasgladh.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Aithisgean bliadhnail is staitistig.

Aithisgean don bhuidhinn riaghlaidh air gnothaichean slàinte is sàbhailteachd.

Geàrr-staitistig air tubaistean is tachartasan taobh a-staigh den stèidheachd.

 

Ri fhaotainn tro iarrtas

Gun phàigheadh