8.13 Taic do dhaoine ciorramach

Facal-toisich

Bheir an catagaraidh seo fiosrachadh mu phoileasaidhean, modhan-obrach is taic na stèidheachd do dhaoine ciorramach, a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu ruigsinneachd nam prìomh thogalaichean is seirbheisean. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Comhairle mu chiorraman do dh’oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Dòigh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Poileasaidhean ciorraim

Poileasaidhean, modhan-obrach is iùl a thaobh taic do dhaoine ciorramach

Faodaidh gum bi stèidheachdan ag iarraidh tar-iomradh a dhèanamh ri catagaraidh 12, “Poileasaidhean Co-ionannachd is Iol-ghnèitheachd”

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Structaran taic

Tuairisgeul air structaran taic na stèidheachd airson chùisean ciorraim

Dèantar tar-iomradh ri “Ruigsinneachd thogalaichean is sheirbheisean” fo chatagaraidh 10, “Stòrasan Fiosaigeach”

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Ruigsinneachd thogalaichean is sheirbheisean

Fiosrachadh mu ruigsinneachd gach aon de phrìomh thogalaichean is seirbheisean na stèidheachd

Bu chòir do stèidheachdan fiosrachadh san fharsaingeachd a sholar mu ruigsinneachd m.e. a’ gabhail a-steach fiosrachadh do dhaoine le ciorraman claisneachd no lèirsinn

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Luchd-conaltraidh

Brath a thaobh mar a gheibhear fiosrachadh mu thaic do dhaoine ciorramach

Far a bheil rèiteachaidhean sgapte aig stèidheachdan mòra bu chòir brath iomchaidh a thoirt mu phuingean conaltraidh cudromach eile.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Ro-innleachdan

Ro-innleachdan na stèidheachd airson taic do dhaoine ciorramach a leasachadh, agus innleachdan a bhith gan sgrùdadh seo

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Staitistig

Geàrr-staitistig mu thaic airson ciorraman taobh a-staigh den stèidheachd.

Staitistig air àireamhan an luchd-obrach is nan oileanach air a bheil seòrsaichean sònraichte de chiorram (ach le bhith a’ cuimhneachadh na buaidhe a dh’fhaodadh a bhith aig an Achd Dìon Dàta).

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh