Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Saorsa fiosrachaidh Earrainn 8 - Earrannan fiosrachaidh 8.14 Rianachd is taic do dh’oileanaich

8.14 Rianachd is taic do dh’oileanaich

Facal-toisich

Gheibhear fiosrachadh sa chatagaraidh seo mun dòigh a bhios an stèidheachd a’ stiùireadh rianachd is adhartas nan oileanach aice on àm a bheirear a-steach iad gus an cuir iad crìoch air a’ chùrsa aca, agus seirbheisean taic nan oileanach mar phàirt dheth sin.  Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Taic do dh’oileanaich an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

 

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Fiosrachadh mu chùrsaichean

Prògraman ceuma a thairgear leis an stèidheachd

Leabhranan-iùil; structar is susbaint gach prògram san fharsaingeachd, a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu ghnàth-eòlas obrach, sgilean cànain, agus cothroman a bhith ag ionnsachadh thall thairis.

An teisteanas a choisnear ma shoirbhichear.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn agus air fhoillseachadh ann an leabhranan-iùil is leabhraichean-làimhe chùrsaichean.

 

Gun phàigheadh

 

Trusadh agus toirt a-steach

Modhan-obrach is poileasaidhean na stèidheachd a thaobh oileanaich a thoirt a-steach

Fiosrachadh a thaobh dè mar a bhitear: a’ faotainn leabhran-iùil; a’ frithealadh latha fosgailte; a’ tadhal air an stèidheachd; a’ cur iarrtas a-steach airson àite san stèidheachd.

Na riatanasan inntrigidh agus na “h-ìrean cìse làthaireach"coitcheann/a bhuineas ri cùrsaichean fa leth.

Poileasaidhean is modhan-obrach airson iarrtasan a làimhseachadh, a’ gabhail a-steach na feadhna a dhèiligeas ri measadh theisteanasan on taobh a-muigh, IBRL[1] agus IGBRL[2], altachadh ri Colaistean FA[3] agus suidheachaidhean sònraichte.

Modhan-obrach airson ghearanan.

Poileasaidhean na stèidheachd airson com-pàirteachadh a leudachadh.

Fiosrachadh staitisteil mu iarrtasan is na bheirear a-steach (m.e. cùl acadaimigeach thagraichean.)

Ri fhaotainn air an làraich-lìn agus air fhoillseachadh ann an leabhranan-iùil is leabhraichean-làimhe chùrsaichean.

Gun phàigheadh

 

Cìsean

Cìsean teagaisg agus eile a chuirear air oileanaich

Fiosrachadh mu chìsean teagaisg na stèidheachd (do dh’oileanaich na dùthcha seo/an AE agus feadhainn o thall thairis) agus costasan sam bith eile a chuirear air oileanaich (a’ comharrachadh a bheil iad seo èigneachail), a’ gabhail a-steach fiosrachadh a thaobh cuin a dh’fheumar pàigheadh, dè mar a ghabhas pàigheadh, agus a bheil roghainnean ann a bhith a’ pàigheadh ann am pàirtean.

Fiosrachadh mu na rèiteachaidhean airson inbhe a shocrachadh a thaobh chìsean mar oileanach a bhuineas don dùthaich seo/oileanach o thall thairis, agus innleachdan ath-thagraidh sam bith a thaobh cho-dhùnaidhean mu inbhe chìsean.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Tabhartasan sgoilearachd is bursaraidhean

Na tabhartasan sgoilearachd is na bursaraidhean a tha ri am faotainn do dh’oileanaich

Liostaichean de thabhartasan sgoilearachd is bursaraidhean a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu shuimean, cumhaichean, agus na rèiteachaidhean airson iarrtasan is co-dhùnaidhean

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Clàradh

Rèiteachaidhean na stèidheachd airson oileanaich a chlàradh

Poileasaidhean clàraidh is sgrìobhainnean mu na modhan-obrach air a shon

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Inntrigeadh

Rèiteachadh na stèidheachd airson inntrigeadh oileanaich

Rèiteachaidhean/modhan-obrach airson inntrigeadh is fàilteachadh

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Deuchainnean

Na rèiteachaidhean airson dheuchainnean

Tràthan/clàran-ama nan deuchainnean.

Modhan-obrach airson dheuchainnean, a’ gabhail a-steach dheuchainnean beòil.

Riaghailtean nan deuchainnean, a’ gabhail a-steach poileasaidhean is cleachdaidhean a thaobh briseadh nan riaghailtean.

Modhan-obrach airson ath-thagradh.

Rèiteachaidhean airson Bùird Dheuchainnean is Luchd-deuchainn on Taobh a-Muigh a chur an dreuchd, a’ gabhail a-steach ainmean an Luchd-deuchainn on Taobh a-Muigh

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Adhartas

Riaghailtean a bhuineas ri adhartas oileanaich

Riaghailtean a bhuineas ri bhith a’ faotainn a-steach do chùrsaichean urraim.

Riaghailtean mu na thairgear a thaobh dàrna cothrom air deuchainnean.

Riaghailtean is cleachdaidhean a bhuineas ri prògram ceuma atharrachadh.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Ullachadh taic ionnsachaidh

Tuairisgeul air an ullachadh taic ionnsachaidh acadaimigeach is neo-acadaimigeach a thairgear leis an stèidheachd agus na cothroman a gheibhear air.

Fiosrachadh mu: leasachadh is taic ionnsachaidh; comhairle a thaobh fèin-leasachaidh; Seirbheisean do dh’oileanaich aig a bheil feuman sònraichte

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Co-cheangal ri oileanaich

Structar is oibreachadh choinneamhan chomataidhean co-chomhairleachaidh luchd-obrach/oileanaich no bhuidhnean co-cheangail eile

Riochdachadh oileanaich

Na dòighean a bhios an structar riochdachadh oileanaich ag obair

Ballrachd oileanaich de structaran a’ chlas, a’ phrògraim, an lìonra chuspairean, an dàmh agus na stèidheachd

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Clàran nan oileanach

Poileasaidhean na stèidheachd air cruinneachadh is cumail suas fiosrachadh pearsanta mu oileanaich agus am feum a nithear dheth

Poileasaidhean is modhan-obrach a bhuineas ri cruinneachadh, dearbhadh, cumail suas is sgriosadh dàta, rianachd siostam chlàran nan oileanach e fhèin, agus riarachadh dhleasnasan air luchd-obrach.

Rèiteachaidhean airson dàta a sholar do BSFA, CMA, agus buidhnean eile aig a bheil còirichean reachdail air dàta

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Smachd oileanaich

Poileasaidhean is modhan-obrach na stèidheachd airson cheuman smachdachaidh an aghaidh oileanaich

Còd smachd nan oileanach agus sgrìobhainnean eile mu phoileasaidhean is modhan-obrach; modhan-obrach airson ath-thagraidhean taobh a-staigh is taobh a-muigh den stèidheachd; geàrr-fhiosrachadh staitisteil mu cheuman smachdachaidh is ath-thagraidhean

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Àitichean fuirich nan oileanach

So-fhaotainneachd, cumhaichean uisneachaidh agus farsaingeachd nan seirbheisean a thairgear leis an stèidheachd a thaobh àitichean fuirich

Fiosrachadh mu na tha ri fhaotainn a thaobh àitichean fuirich, prìsean, pròiseasan airson iarrtasan, rèiteachaidhean airson toirt air ghabhail, cumhaichean gabhail, cothrom don mhòr-shluagh orra anns na saor-làithean

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Rèiteachaidhean ceumnachaidh

Fiosrachadh mu dheas-ghnàthan buileachaidh

Cinn-latha agus fiosrachadh mu na deas-ghnàthan airson na bliadhna acadaimigich làthairich.

Fiosrachadh a thaobh frithealadh is tiocaidean, Fiosrachadh mu Èideadh Acadaimigeach, costasan

Fiosrachadh mu dhealbhan is goireasan bhidio

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Gearanan le oileanaich

Modhan-obrach airson làimhseachadh ghearanan le oileanaich mun stèidheachd

Fiosrachadh air dè mar a chlàraicheas duine gearan.  Fiosrachadh mu mhodhan-obrach a thaobh na dòigh a làimhsichear gearanan.  Fiosrachadh mu mhodhan-obrach a thaobh innleachdan ath-thagraidh sam bith taobh a-staigh agus taobh a-muigh den stèidheachd.

Far a bheil atharrachadh rèiteachaidhean ann a bhuineas ri atharrachadh sheòrsaichean de ghearan (m.e. àitichean fuirich, taic ionnsachaidh, deuchainnean) bu chòir do stèidheachdan fiosrachadh a sholar orra seo air fad.

Geàrr-fhiosrachadh staitisteil mu ghearanan is toraidhean.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Goireasan do dh’oileanaich

Tuairisgeul air na goireasan is na seirbheisean a thaobh foghlam, chur-seachadan is eile a tha ri am faotainn do dh’oileanaich a-mhàin

Fiosrachadh mu chòirichean a bhith ag uisneachadh nan goireasan, na goireasan a th’ ann, cìsean is eile Gabhtar a-steach:

Seirbheisean taic mheidigeach a bhios an stèidheachd a’ solar do dh’oileanaich

Seirbheisean leas agus comhairleachaidh, agus fiosrachadh mu mhaoinean airce sam bith a tha ri am faotainn san stèidheachd

Seirbheisean seaplaineachd, a’ gabhail a-steach taic do luchd-obrach is oileanaich a bhuineas do dhiofar eaglaisean is creideamhan

So-fhaotainneachd, cumhaichean uisneachaidh agus farsaingeachd nan seirbheisean a thairgear le seirbheis dhreuchdan na stèidheachd, a’ gabhail a-steach nan uairean fosglaidh is an t-suidheachaidh aice, agus measaidhean neo-eisimeileach air càileachd na seirbheis

Faodaidh gum bi stèidheachdan ag iarraidh tar-iomradh a dhèanamh ri fiosrachadh den aon seòrsa mu ghoireasan is seirbheisean a th’ ann do luchd-obrach no don choimhearsnachd ionadail.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Dàimh ri Aonadh/Comann nan Oileanach

Bun laghail is structarail an dàimh a th’ aig an stèidheachd ri Aonadh/Comann nan Oileanach

Aontachaidhean, co-ghnàthsan is eile a riaghlas an dàimh a th’ aig an stèidheachd ri UHISA.

Fiosrachadh mu riochdachadh an Aonaidh air comataidhean na stèidheachd is a leithid, agus riochdachadh na stèidheachd air bùird no comataidhean an Aonaidh.

Maoineachadh a bheirear don Aonadh.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Aonadh/Comann nan Oileanach

Fiosrachadh mu oibreachadh is gnìomhachdan Aonadh/Chomann nan Oileanach

Bonn-stèidh, Còd Cleachdaidh, Liosta Oifigearan agus sgrìobhainnean co-cheangailte sam bith eile mu Aonadh/Chomann nan Oileanach

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 


[1] IBRL:  Ionnsachadh Barrantaichte ro Làimh

[2] IGBRL:  Ionnsachadh Gnàth-eòlasach Barrantaichte ro Làimh

[3] FA:  Foghlam Adhartach