8.16 Seirbheisean fiosrachaidh

Facal-toisich

Is e a tha fo aire sa chatagaraidh seo na gnìomhan taobh a-staigh den stèidheachd a bheir cothrom air fiosrachadh do shluagh nan oileanach agus do luchd-obrach acadaimigeach is clèireachail an dà chuid.  Tha seo a’ gabhail a-steach leabharlannan, seirbheisean coimpiutaireachd, seirbheisean tasglainn, agus seirbheisean taic fiosrachaidh.

Faodaidh gum bi gnìomhan den t-seòrsa gan stiùireadh air leth o chèile, no air an cur còmhla ann an caochladh dhòighean.  Bidh na seirbheisean seo gu gnàthach a’ mìneachadh nan goireasan aca (agus nan cumhaichean airson feum a dhèanamh dhiubh) do dh’oileanaich, luchd-obrach agus am mòr-shluagh agus is e fiosrachadh den t-seòrsa seo a tha air a ghabhail a-steach sa chatagaraidh seo.

Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Barrachd mu sheirbheisean ionnsachaidh is fiosrachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

 

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Goireasan leabharlainn

An cothrom a th’ ann air goireasan leabharlainn agus na cumhaichean a thaobh feum a dhèanamh dhiubh

Fiosrachadh a thaobh cò a gheibh cothrom air siostaman is seirbheisean agus na goireasan air am faigh iad cothrom.

Uairean fosglaidh leabharlannan.

Riaghailtean is cumhaichean uisneachaidh san fharsaingeachd (m.e. a thaobh smocadh, òl, itheadh, fònaichean làimhe a chleachdadh; poileasaidhean a thaobh an lagha de leithid dlighe-sgrìobhaidh; feum a dhèanamh de sheirbheisean nàiseanta/air an taobh a-muigh.)

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Goireasan coimpiutaireachd

An cothrom a th’ ann air goireasan coimpiutaireachd agus na cumhaichean a thaobh feum a dhèanamh dhiubh

Fiosrachadh a thaobh cò a gheibh cothrom air siostaman is seirbheisean agus na goireasan air am faigh iad cothrom.

Uairean fosglaidh mheanbh-obair-lannan.

Riaghailtean is cumhaichean a chleachdadh san fharsaingeachd (m.e. a thaobh smocadh, òl, itheadh, fònaichean làimhe a chleachdadh; poileasaidhean a thaobh an lagha de leithid dlighe-sgrìobhaidh; puist dhealain gun iarraidh / bomadh)

Còd cleachdaidh coimpiutaireachd.

Riaghailtean dìon dàta.

Feum a dhèanamh de sheirbheisean nàiseanta/air an taobh a-muigh.

Bu chòir fiosrachadh a ghabhail a-steach an seo cuideachd mu logadh, sgrùdadh agus na modhan-obrach a leanar ma bhrisear na cumhaichean uisneachaidh.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Goireasan fiosrachaidh eile

An cothrom a th’ ann air goireasan agus na cumhaichean a thaobh feum a dhèanamh dhiubh

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

Measar gu bheil stuth a tha ann an stòir-dhàta “so-ruigsinn air dòigh eile” fo R.25 den Achd.

Prìomh sgrìobhainnean ro-innleachd

Amasan is ro-innleachdan àrd-ìre nan aonad sheirbheisean fiosrachaidh

Amasan gach roinn an co-theacs an àite a th’ aice sa bhuidhinn, tuairisgeul air an t-seirbheis a bheirear agus, far am bi e iomchaidh, còrdaidhean a thaobh ìre seirbheis.

 

Gun phàigheadh

 

Cruinneachaidhean

Farsaingeachd nam prìomh chruinneachaidhean a tha gan cumail leis an stèidheachd

Leabhraichean-iùil is catalogan mu chruinneachaidhean, a’ gabhail a-steach catalog cothrom poblach an leabharlainn.

Rèiteachaidhean airson cothrom air na stuthan, a’ gabhail a-steach chìsean

 

Gun phàigheadh

Bidh stuth air a bheil iomradh ann an catalogan air a shaoradh airson a’ chuid as motha mar stuth a tha ‘so-ruigsinneach air dòigh eile’ fo r.25 den Achd, leis gu bheil e ri fhaotainn a rèir a’ Chatagaraidh ‘Goireasan Leabharlainn’ gu h-àrd

Ro-innleachd chruinneachaidhean

Ro-innleachdan a thaobh rianachd is gleidheil chruinneachaidhean

Ro-innleachdan a thaobh rianachd is gleidheil chruinneachaidhean, a’ gabhail a-steach a’ phoileasaidh air a bhith a’ faotainn rèidh ’s stoc

 

Gun phàigheadh

 

Tasglannan fosgailte

Fiosrachadh mu chlàran a tha gan cumail an goireasan tasglainn na stèidheachd ri an gleidheil gu buan agus air an comharrachadh a bhith fosgailte, ge sam bith dè an ceann-latha cruthachaidh.

Tha an catagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu gach uile stuth tasglannach treas pàrtaidh a thugadh na thiodhlac don stèidheachd ri a ghleidheil gu buan agus air a bheil cothrom coitcheann.

Faodaidh gum bi cruinneachaidhean tasglainn ionadail aig sgoiltean no roinnean taobh a-staigh den stèidheachd airson cuideachadh le gnìomhan rianachd no rannsachaidh.

Tha an ceann-latha air an do ghabhadh ris a’ Mhodail Sgeama Foillseachaidh neo-bhointealach don chatagaraidh seo.

Leabhraichean-iùil is catalogan mu thasglannan fosgailte

Rèiteachaidhean airson cothrom air na stuthan, a’ gabhail a-steach chìsean

 

Gun phàigheadh

Bidh stuth air a bheil iomradh ann an catalogan air a shaoradh airson a’ chuid as motha mar stuth a tha ‘so-ruigsinneach air dòigh eile’ fo r.25 den Achd, leis gu bheil e ri fhaotainn a rèir a’ Chatagaraidh ‘Goireasan Leabharlainn’ gu h-àrd

Goireasan tasglainn eile is cruinneachaidhean sònraichte

Tuairisgeul air goireasan tasglainn is cruinneachaidhean sònraichte na stèidheachd

Tha an catagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mun dà chuid stuth tasglannach a bhuineas ri gnothach na stèidheachd agus stuth tasglannach treas pàrtaidh a thugadh na thiodhlac don stèidheachd ri a ghleidheil gu buan is cuingealachadh cothruim air a chur air leis an neach a thug e.

Catalogan tasglannach (làmh-ghleusach no air loidhne) no stuth eile a bheir tuairisgeul air cruinneachaidhean tasglannach

Cothrom air tasglannan / feum a dhèanamh dhiubh, a’ gabhail a-steach chìsean

Faodaidh gum bi cruinneachaidhean sònraichte ionadail aig sgoiltean no roinnean fa leth taobh a-staigh den stèidheachd.

Leabhraichean-iùil is catalogan mu ghoireasan tasglainn eile is cruinneachaidhean sònraichte.

Rèiteachaidhean airson cothrom air na stuthan, a’ gabhail a-steach chìsean

Mar as àbhaist is ann le bhith a’ toirt sùil orra air làrach na stèidheachd foghlaim àrd-ìre a chithear catalogan làmh-ghleusach

Gun phàigheadh

Bidh stuth air a bheil iomradh ann an catalogan air a shaoradh airson a’ chuid as motha mar stuth a tha ‘so-ruigsinneach air dòigh eile’ fo r.25 den Achd, leis gu bheil e ri fhaotainn a rèir a’ Chatagaraidh ‘Goireasan Leabharlainn’ gu h-àrd