Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Saorsa fiosrachaidh Earrainn 8 - Earrannan fiosrachaidh 8.17 Dàimhean ris an taobh a-muigh agus a’ choimhearsnachd

8.17 Dàimhean ris an taobh a-muigh agus a’ choimhearsnachd

Facal-toisich

Is e fiosrachadh a gheibhear sa chatagaraidh seo mu dhàimh na stèidheachd ris an àrainneachd taobh a-muigh dhi.  Tha seo a’ gabhail a-steach mar a bhitheas i a’ stiùireadh an dàimh a th’ aice ris a’ choimhearsnachd ionadail agus mar a chumas i conaltradh riuthasan a bha roimhid nan luchd-obrach is nan oileanaich aice.al

A rèir a nàdair, is coltach gum faic a’ mhòrchuid de stèidheachdan gum bitear cheana a’ toirt a’ chuid as motha de na clasaichean seo ri am faotainn don mhòr-shluagh air dòigh-eigin.

Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith.

 

 

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Alumni

 

Rèiteachaidhean airson conaltradh a chumail riuthasan a bha roimhid nan luchd-obrach is nan oileanaich

Nan eisimpleirean tha seirbheisean a bhitear a’ solar do dh’alumni, ath-chruinneachaidhean is tachartasan

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Dàimhean ris a’ Choimhearsnachd

Tuairisgeul air na goireasan is na seirbheisean a tha ri am faotainn don choimhearsnachd ionadail

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Gnìomhachdan leasachaidh

Stuth follaiseachd mu amasan na stèidheachd a thaobh airgead a thogail

Pròiseactan làthaireach, fios a thaobh na dòighean a ghabhas tiodhlacan toirt

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

Faodaidh gum bi cuid de dh’fhiosrachadh air a shaoradh leis gu bheilear am beachd a fhoillseachadh a-rithist fo R.27 den Achd

Dàimhean Poblach

Fiosrachadh a chruthaichear a dh’aon ghnothach airson goireasan is gnìomhachdan fhollaiseachadh.

Fiosan naidheachd

Litrichean-naidheachd is irisean

 

Gun phàigheadh