Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Saorsa fiosrachaidh Earrainn 8 - Earrannan fiosrachaidh 8.18 Dàimhean ri riaghaltas agus buidhnean-riaghlaidh

8.18 Dàimhean ri riaghaltas agus buidhnean-riaghlaidh

Cothrom air fiosrachadh

Tha an catagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh a bhios an stèidheachd a’ solar do riaghaltas agus buidhnean-riaghlaidh air an taobh a-muigh agus fiosrachadh a bheirear do Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba air adhbharan sgrùdaidh. A rèir a nàdair, is coltach gum faic a’ mhòrchuid de stèidheachdan gum bitear cheana a’ toirt a’ chuid as motha de na catagaraidhean seo ri am faotainn don mhòr-shluagh air dòigh-eigin.

Is coltach gum faic buill den mhòr-shluagh gu bheil a’ cheart fhiosrachadh no fiosrachadh a tha co-cheangailte ris ri fhaotainn o chom-pàirtichean air an taobh a-muigh ris a bheil dàimhean aig an stèidheachd.

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an Fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Aithisgean is brathan staitisteil a bheirear don bhuidhinn-mhaoineachaidh

Fiosrachadh a tha e na dhleastanas laghail air an stèidheachd a thoirt ri fhaotainn don bhuidhinn-mhaoineachaidh aice

Aithisgean staitisteil do Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba

 

Gun phàigheadh

 

Aithisgean reachdail eile

Fiosrachadh a tha e na dhleastanas laghail air an oilthigh a fhoillseachadh

Bidh fiosrachadh mu bhunait aithisgean air a ghabhail a-steach san fhacal-thoisich aca.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Fiosrachadh mu thoirt a-steach, adhartas is crìochnachadh oileanaich

Fiosrachadh staitisteil mu na gnothaichean seo a bhios a’ Chomhairle Mhaoineachaidh ag iarraidh air an stèidheachd a fhoillseachadh

Fiosrachadh air:

Teisteanasan oileanaich an àm dhaibh tighinn a-steach; farsaingeachd nan oileanach a thig a-steach air an seòrsachadh a rèir aois, gnè, cinneadh, cùl sòisio-eaconamach, ciorram agus co as a thig iad mar a bheirear do BSFA e, dàta mu adhartas is cumail oileanaich airson gach bliadhna de gach cùrsa/prògram, a’ diofarachadh eadar fàillneachadh is tarraing às, dàta mu chrìochnachadh oileanaich, dàta mu theisteanasan a bhuilichear air oileanaich, dàta air toraidhean cosnaidh/trèanaidh do cheumnaichean on Rannsachadh air a’ Chiad Cheann-uidhe

Tro iarrtas a-mhàin

Gun phàigheadh