8.4 Stòrasan ionmhasail

Facal-toisich

Tha an catagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh air ro-innleachd is rianachd na stèidheachd a thaobh stòrasan ionmhasail.  Bidh roinn an ionmhais a’ toirt sheirbheisean cunntasachd, solair agus cùmhnantachaidh, rud a chuidicheas le bhith a’ dèanamh an fheuma as fheàrr de stòrasan agus a’ coilionadh dhleasnasan reachdail. Fiosrachadh a dh’fhaodadh droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, fiosrachadh pearsanta, no fiosrachadh a chuireadh bacadh air gnothaichean poblach o bhith air an coilionadh gu h-èifeachdach, bidh e air a shaoradh o fhoillseachadh.

Barrachd mu stòrasan ionmhasail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a Chumail air ais

Aithrisean ionmhasail

Cunntasan bliadhnail na stèidheachd

Mar as àbhaist na h-aithrisean ionmhasail a bhios aontaichte leis a’ bhuidhinn riaghlaidh

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Pròiseasan buidseatach

Poileasaidhean is modhan-obrach airson suimean buidseatach a riarachadh air na mòr-aonadan buidseatach

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Sealladh coitcheann air buidseatan

Geàrr-chunntas air a’ bhuidseat choitcheann agus suimean buidseatach a riaraichear air na mòr-aonadan buidseatach

Suimean buidseatach socraichte a riaraichear

 

Gun phàigheadh

 

Riaghailtean ionmhasail

Leabhar-làimhe rianachd ionmhasail na stèidheachd

 

Mar as àbhaist bhiodh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu bhathar is seirbheisean a cheannach, agus costasan iarraidh air ais

Is e eisimpleirean a leanas:

Riaghailtean ionmhasail, poileasaidh is modhan-obrach a thaobh luchd-obrach a bhith a’ siubhal, òrduighean deireadh bliadhna, poileasaidh a thaobh foill a bhacadh, a lorg is a rannsachadh, aithris air a’ phoileasaidh foill

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Àrachas

Geàrr-chunntas air prìomh phoileasaidhean àrachais na stèidheachd

Ainmean is seòlaidhean chompanaidhean àrachais an oilthigh, agus fiosrachadh coitcheann air a’ chaochladh chunnartan air a bheil àrachas.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Tuarastal àrd-bhuill den fhoireann

Tuarastal a’ phrionnsapail agus fiosrachadh staitisteil air tuarastal àrd-bhuill eile den fhoireann ri a fhoillseachadh fo Mheòrachan Ionmhasail Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba

Tha fiosrachadh ri fhaotainn san Aithisg Bhliadhnail agus sna h-Aithrisean Ionmhasail againn.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Tasgaidhean

Geàrr-chunntas air bronnaidhean is tasgaidhean na stèidheachd

Chan eil tasgaidhean aig an oilthigh an-dràsta

Tha fiosrachadh ri fhaotainn san Aithisg Bhliadhnail agus sna h-Aithrisean Ionmhasail againn.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh