8.5 Planadh corporra

Facal-toisich

Is e fiosrachadh mu rùn coitcheann is planaichean ro-innleachdail mòra na stèidheachd a bheirear sa chatagaraidh seo. Fiosrachadh a dh’fhaodadh droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, fiosrachadh pearsanta, no fiosrachadh a chuireadh bacadh air gnothaichean poblach o bhith air an coilionadh gu h-èifeachdach, bidh e air a shaoradh o fhoillseachadh.

Plana ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

 

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Rùn Coitcheann

Aithris rùin na stèidheachd

Is e cion-fàth is lèirsinn seach aithris rùin a th’ aig an oilthigh

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Plana corporra

Plana corporra no ro-innleachdail na stèidheachd

Tha Plana Ro-innleachdail aig an oilthigh

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

Far am bi tionntadh giorraichte air fhoillseachadh, cha bhi saoraidhean sam bith ann. Bidh an tionntadh iomlan a’ gabhail a-steach fiosrachadh a bheireadh droch bhuaidh mhòr air ar leas malairteach fo R. 33 den Achd nan leigte ris e.

Ro-innleachdan

Na sgrìobhainnean ro-innleachdail as cudromaiche a th’ aig an stèidheachd

Is e Plana Ro-innleachdail an oilthigh an sgrìobhainn ro-innleachdail as cudromaiche a th’ aige mar stèidheachd

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Comharraidhean coilionaidh

Comharraidhean a chleachdar leis a’ bhuidhinn riaghlaidh is na h-àrd-mhanaidsearan a thomhas coilionadh na stèidheachd san fharsaingeachd

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Modhan-obrach a thaobh planadh

Modhan-obrach in-mheadhanach airson planadh is riarachadh stòrasan

Faic an earrainn air ionmhas airson riarachadh stòrasan

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh