Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Saorsa fiosrachaidh Earrainn 8 - Earrannan fiosrachaidh 8.8 Margaideachadh agus iomlaid eòlais

8.8 Margaideachadh agus iomlaid eòlais

Facal-toisich

Is e a bheir an catagaraidh seo fiosrachadh mu innleachdan na stèidheachd airson taic a thoirt do mhargaideachadh thoraidhean a h-obrach rannsachaidh. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Rèiteachaidhean taic

Tuairisgeul air an dòigh a bhios an stèidheachd a’ toirt taic do mhargaideachadh an eòlais a thig as an obair rannsachaidh aice.

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Fiosrachadh conaltraidh

Mar a gheibh duine fiosrachadh mu ghnìomhachdan margaideachaidh na stèidheachd.

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Maoineachadh do mhargaideachadh

Fiosrachadh staitisteil mu phrìomh thobraichean maoineachaidh na stèidheachd airson margaideachadh agus iomlaid eòlais.

Suim Tabhartas Iomlaid Eòlais o Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus thabhartasan sam bith eile a rèir foirmle / gun a bhith a rèir foirmle o Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba airson margaideachadh agus iomlaid eòlais. Fiosrachadh den aon seòrsa mu thobraichean maoineachaidh cudromach eile.

 

Gun phàigheadh

 

Goireasan margaideachaidh

Tuairisgeul air goireasan is stòrasan na stèidheachd airson taic a thoirt do ghnìomhachd mhargaideachaidh.

Goireasan altraim, pàircean saidheans, is a leithid.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Toraidhean margaideachaidh

Fiosrachadh staitisteil mun mhargaideachadh a nì an stèidheachd air na gnìomhachdan rannsachaidh aice

Fiosrachadh staitisteil mu phàitinnean a chaidh iarraidh is a bhuileachadh, ceadachdan a thugadh, fiosrachadh mu chruthachadh chompanaidhean às-chinneasach is tòiseachail.

 

Gun phàigheadh

Faodaidh gum bi cuid de dh’fhiosrachadh air a shaoradh, mar eisimpleir mion-fhiosrachadh mu chompanaidhean tòiseachail is ceadachdan fa leth agus far an toireadh e droch bhuaidh mhòr air ar leas malairteach nan leigte ris e.

Seirbheisean co-chomhairleachaidh

Mar a gheibh duine fiosrachadh mu sheirbheisean co-chomhairleachaidh na stèidheachd.

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh