8.9 Goireasan daonna

Facal-toisich

Is e a bheirear sa chatagaraidh seo fiosrachadh mu ro-innleachd is stiùireadh ghoireasan daonna san stèidheachd, seach fiosrachadh mu bhuill fa leth den luchd-obrach (rud a tha air a shaoradh o fhoillseachadh leis gun e fiosrachadh pearsanta a th’ ann).  Am measg an fhiosrachaidh a tha ri fhaotainn tha poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh an luchd-obrach (a’ gabhail a-steach chumhaichean is cùmhnantan seirbheis agus a h-uile tionntadh làthaireach den fhiosrachadh a tha air a shònrachadh anns gach clas). Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

 

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Profaidhl an luchd-obrach

Fiosrachadh staitisteil air an luchd-obrach

Fiosrachadh aig ìre na stèidheachd a rèir rang, gnè:     Dèantar tar-iomradh ri Co-ionannachd is Iol-ghnèitheachd, catagaraidh 12.

Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.

Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e

Gun phàigheadh

 

Poileasaidhean trusaidh

Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach agus iùl a thaobh trusadh

A h-uile poileasaidh is modh-obrach a thaobh an luchd-obrach.

Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.

 

 

Cumhaichean fastaidh

Cumhaichean is cùmhnantan fastaidh coitcheann

Rangan is ìrean tuarastail.

Poileasaidhean eile a thaobh Ghoireasan Daonna, nach eil air an gabhail a-steach ann an catagaraidh sam bith eile.

 

 

 

Rianachd coilionaidh

Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh rianachd coilionaidh

Fiosrachadh mu rèiteachaidhean airson probhadh is measadh

Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e

Gun phàigheadh

 

Àrdachadh

Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach, iùl is staitistig a thaobh àrdachadh, atharrachadh rang agus ath-sgrùdaidhean tuarastail

Fiosrachadh staitisteil mu thoraidhean

Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.

 

 

Peinnseanan

Poileasaidhean is iùl a thaobh rèiteachaidhean peinnsein do luchd-obrach

Ìrean thabhartasan (na stèidheachd agus an duine fa leth)

Sochairean agus ìrean cruinneachaidh nan sochairean.

Luachaidhean maoineachaidh air sgeamaichean peinnsein

 

 

 

Smachd

Modhan-obrach is poileasaidhean a thaobh smachdachadh

Poileasaidh air sàrachadh is burraidheachd.

Poileasaidhean eile a thoabh Ghoireasan Daonna, nach eil air an gabhail a-steach ann an catagaraidh sam bith eile, far am faod ceuman smachdachaidh tighinn nan lùib ma thèid am briseadh.

Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e

Gun phàigheadh

 

Cùisean-gearain

Modhan-obrach is poileasaidhean a thaobh chùisean-gearain

 

Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.

 

 

Dàimhean ri luchd-obrach

Modhan-obrach airson barganachadh coitcheann is co-chomhairleachadh ri Aonaidhean Ciùird is Buidhnean Dreuchdail aithnichte agus na h-aontachaidhean a ràineas

Na h-aontachaidhean a ràineas fo na modhan-obrach seo

 

 

 

Foillseachadh a chum leas a’ phobaill

Fiosrachadh a tha a dhìth airson cumail ris an Achd Foillseachaidh a chum Leas a’ Phobaill

 

Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e

Gun phàigheadh

 

Leasachadh luchd-obrach

Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh leasachadh leantainneach luchd-obrach

Rèiteachaidhean inntrigidh.

Cothrom air trèanadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh den stèidheachd

Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.

 

 

Clàran luchd-obrach

Poileasaidh na stèidheachd a thaobh fiosrachadh pearsanta mun luchd-obrach a chruinneachadh, a chumail suas is a chur gu feum.

Poileasaidhean is modhan-obrach a bhuineas ri cruinneachadh, dearbhadh cumail suas agus sgriosadh dàta, rianachd an t-siostaim chlàran luchd-obrach e fhèin, agus riarachadh dhleastanasan air luchd-obrach.

Rèiteachaidhean airson dàta a sholar do BSFA[1], CMAFAA[2] agus buidhnean eile aig a bheil còirichean reachdail air dàta.

 

 

 

Goireasan do luchd-obrach

Tuairisgeul air na goireasan is na seirbheisean a tha ri am faotainn do bhuill den luchd-obrach a-mhàin.

Faodaidh gum bi stèidheachdan ag iarraidh tar-iomradh a dhèanamh air fiosrachadh den aon seòrsa mu ghoireasan is seirbheisean a tha ri am faotainn do dh’oileanaich no don choimhearsnachd ionadail.

Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e

Gun phàigheadh

 


 

[1]  BSFA – Buidheann Staitistig Foghlaim Àrd-ìre

[2]  CMAFAA – Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba airson Foghlam Adhartach is Àrd-ìre (CMA)