Home Mu UHI Ro-innleachd agus planadh Amas agus lèirsinn

Amas agus lèirsinn

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Bidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ toirt seachad foghlam àrd-ìre tro thrì deug colaistean foghlam adhartach is àrd-ìre, colaistean speisealaichte agus stèidheachdan rannsachaidh, a tha air an sgapadh air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus air an co-òrdanachadh le oifis stiùiridh. Le chèile, is e seo com-pàirteachas UHI.


Amas

Bheir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean buaidh chruth-atharrachail air leasachadh na sgìre agus air na tha san amharc don sgìre, do a muinntir agus do a coimhearsnachdan.


Lèirsinn

Bidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aithnichte aig an ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta mar chom-pàirteachas sònraichte, ùr-ghnàthach a ghabhas a-steach an dà chuid foghlam adhartach is àrd-ìre. Is e a bhios ann:

An t-oilthigh a tha anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan

A’ togail air neartan sònraichte fa leth gach aon de na stèidheachdan a tha nam pàirt dheth cuiridh e ri beothalas choimhearsnachdan na sgìre ann an dòigh sho-fhaicsinneach.

An t-oilthigh airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean

A’ leigeil le daoine a bhith a’ ruigsinn air cothroman, air dòighean a ghabhas co-dheasachadh a rèir am feumalachdan, anns gach pàirt den sgìre agus nas fhaide às, rud a nithear comasach le bhith a’ cleachdadh teicneolas fiosrachaidh.

An t-oilthigh a bhuineas don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan

A’ tarraing air feartan sònraichte na sgìre ann a bhith a’ toirt air aghaidh rannsachadh is teagasg a tha bointealach is sàr-mhath aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta. Le bhith a’ dèanamh seo, tàirngidh e oileanaich, luchd-obrach is luchd-rannsachaidh às gach ceàrn den t-saoghal is nì e ceanglaichean is dàimhean nàiseanta is eadar-nàiseanta.

Mun tèid seo a choilionadh bidh feum air stèidheachd anns am bi neart acadaimigeach is ionmhasail an dà chuid.


Amasan ro-innleachdail


Tomhas, sgrùdadh agus aithris