Home Mu UHI Ro-innleachd agus planadh Ar n-oileanaich

Ar n-oileanaich

Amas ro-innleachdail 1

Meudachadh is eugsamhlachadh a thoirt air na th’ againn de dh’oileanaich.


Is e as motha a th’ againn de dh’oileanaich feadhainn nas sine agus pàirt-ùine a thig san fharsaingeachd às an sgìre againn fhèin.  Leanaidh sinn oirnn a bhith a’ toirt cothrom dhaibhsan a bhitheadh mura b’ e sin air an cumail à foghlam àrd-ìre air tàilleabh far a bheil iad air chòmhnaidh, an cùl sòisealta no a’ chomais a th’ aca a thaobh airgead.  A bharrachd air sin, nì sinn barrachd a bhith a’ togail oileanaich, gu sònraichte feadhainn òg, an dà chuid às an sgìre againn fhèin agus nas fhaide às, feuch an cuidich sinn le casg a chur air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a bhith a’ call sluagh mar a bha iad agus na coimhearsnachdan is an t-eaconamaidh againn a chumail a’ dol.

Mun gabh na toraidhean air a bheil cunntas gu h-ìseal a choilionadh a thaobh oileanaich air a bheil còmhnaidh an Alba feumaidh sinn barrachd àiteachan maoinichte do dh’oileanaich fhaotainn o Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba.

Amasan taobh a-staigh de dh’ùine a’ phlana ro-innleachdail seo:

1.1    A bhith a’ leantainn oirnn mar a tha sinn an-dràsta a bhith a’ toirt an aire do chothroman agus taic do gach uile duine as urrainn buannachd fhaotainn às.

1.2    A bhith a’ leantainn oirnn a’ solar feumalachdan luchd-ionnsachaidh nas sine agus pàirt-ùine.

1.3    A bhith a’ dol an grèim ris an riochdachadh ro ìseal a tha am measg nan oileanach foghlaim àrd-ìre againn air ceàrnaidhean an iar agus an iar-dheas na sgìre againn.

1.4    Barrachd luchd-inntridh òg (fo 21 bhliadhna a dh’aois) a tharraing à taobh a-staigh na sgìre againn.

1.5    Barrachd oileanaich, gu sònraichte luchd-inntridh òg, a tharraing às a’ chòrr de dh’Alba, an còrr den Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis.

1.6     A bhith ag obair ann an com-pàirteachas, a sholar nan àiteachan-fuirich is nan goireasan eile a bhios a dhìth is barrachd oileanaich a’ tighinn a-steach.

1.7    Feabhas a thoirt air na dh’fhiosraicheas na h-oileanaich le bhith a’ toirt barrachd chothroman dhaibh a bhith ri gnothaichean sòisealta is cultarail le càch, a’ gabhail a-steach cheanglaichean ri goireasan coimhearsnachd.

1.8    Tagradh a dhèanamh ri Riaghaltas na h-Alba agus ri Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba tuillidh àiteachan oileanaich a bhith air an solar, a choilionadh na tha oileanaich is luchd-ùidhe am fiughair ris.


Plana Ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2012-2017 mar a chaidh aontachadh leis a’ Chùirt air 13 Dùbhlachd 2011