Home Mu UHI Ro-innleachd agus planadh Curraicealam

Curraicealam

Amas ro-innleachdail 3

Caochladh bun-churraicealaim a thoirt seachad do choimhearsnachdan na sgìre againn air fad, còmhla ri caochladh chùrsaichean a bhios sònraichte do na neartan rannsachaidh againn agus àrainneachd, dualchas cultarach, dreuchdan is gnìomhachasan na sgìre agus a thàirngeas oileanaich às an sgìre againn fhèin agus nas fhaide às.


Bidh trì eileamaidean fa leth sa churraicealam fho-cheum againn; bunait chuspairean a bhios ri am faotainn gu farsaing a bheir co-ionannachd cothruim tarsainn na roinne againn (agus faodaidh e bhith nas fhaide às cuideachd) a thèid a liubhairt tron mhodail ionnsachaidh cho-mheasgaichte againn; cruinneachadh air leth de chuspairean a thig às na neartan rannsachaidh againn a bhios airson a’ chuid as motha air an suidheachadh air àrainn shònraichte aig ìre fho-cheum; agus caochladh solair air a stiùireadh le dreuchdan/gnìomhachasan a dh’fhaodas a bhith ri fhaotainn air aon àrainn no barrachd is aon. Bidh an cruinneachadh for-cheum againn a’ gabhail a-steach roghainnean aon àrainn, feadhainn chòmhnaidheach gheàrr-ùine agus feadhainn air-loidhne, a bhios freagarrach don chuspair agus don mhargadh, agus thig e às ar neartan rannsachaidh agus an solar againn a bhios air a stiùireadh le dreuchdan/gnìomhachasan.

Tha sinn a’ creidsinn gu bheil àireamh chuspairean, a tha cuingealaichte ach cudromach, anns a bheil na neartan as dual dhuinn, còmhla ri feartan comharraichte na sgìre againn, a’ fàgail gun e Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an t-àite as nàdarra do dhuine a bhith ag ionnsachadh ann. Coisnidh sinn cliù dhuinn fhèin aig an ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta airson sàr-mhaitheis anns na cuspairean seo.

Amasan taobh a-staigh de dh’ùine a’ phlana ro-innleachdail seo:

3.1 A bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi dealbhadh a’ churraicealaim a’ toirt nan cothroman is na taice as motha airson inntreadh, altachadh agus leantainn air aghaidh.

3.2 A’ cho-dheasachd as motha a ghabhas e a thairgsinn a thaobh luathas, suidheachadh agus modh an ionnsachaidh, gus am fritheil sinn air an fheum a tha air ionnsachadh fad-beatha leis an neach-ionnsachaidh sa mheadhan, a’ gabhail a-steach chothroman air grad-ionnsachadh agus air creideasan a chruinneachadh is a ghiùlan thairis taobh a-staigh de Fhrèama Theisteanas is Creideis na h-Alba.

3.3 Bun-churraicealam a stèidheachadh is a liubhairt is cothrom aig daoine air air feadh na sgìre againn tro na h-àrainnean is na h-ionadan ionnsachaidh sgapte againn.

3.4 Barrachd coitcheannais a bhith againn a thaobh susbaint eadar cùrsaichean tarsainn na ciad bliadhna, gus barrachd chothroman a thoirt airson inntreadh agus leantainn air aghaidh.

3.5 A bhith a’ leigeil le oileanaich àrd-ruigsinneach le teisteanasan matha aig sàr àrd ìre, ìre A agus a leithid dol a-steach dìreach do dhàrna bliadhna chùrsaichean ceithir bliadhna airson ceum le urram.

3.6 A bhith ag obair le sgoiltean san sgìre againn a thoirt a’ chothruim do dh’oileanaich a bhith ag ionnsachadh susbaint ciad bhliadhna an oilthigh san t-sèathamh bliadhna aca, gus am bi e nas fhasa nuair a thèid iad air aghaidh don oilthigh agus a leigeil leotha a bhith a’ dol air aghaidh nas luaithe chun ceum.

3.7 An curraicealam againn a leasachadh a sholar feumalachdan a’ phrofaidhl atharrachail de dh’oileanaich a th’ againn agus luchd-fastaidh san sgìre san fharsaingeachd cho math ri ceàrnaidhean ionadail, is dlùth-aire ga toirt do roinnean prìomhachais mar a tha lùth ath-nuadhachail, turasachd, biadh is deoch, gnìomhachasan cruthachail agus saidheansan beatha, cho math ri seirbheisean poblach.

3.8 Ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ cho-chothromachd eadar ullachadh airson teisteanas nàiseanta àrd-ìre agus dioplòma nàiseanta àrd-ìre, le altachadh ri cùrsaichean ceuma, agus solar cheumannan le urram ceithir bliadhna, ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha barrantasan nàiseanta àrd-ìre mar shlighe inntridh agus ann an roinnean gnìomhachais sònraichte.

3.9 Feartan cheumnaichean a fhreumhachadh sa churraicealam againn, a’ gabhail a-steach freagarrachd airson cosnadh agus tionnsgnachd.

3.10 A bhith ag obair le fastaichean ann a bhith a’ leasachadh a’ churraicealaim againn agus a sholar chothroman air suidheachaidhean obrach, gnàth-eòlas obrach agus ionnsachadh ceangailte ri obair.

3.11 Meudachadh a thoirt air a’ chruinneachadh de chùrsaichean for-cheuma againn.

3.14 Barrachd chothroman a chruthachadh airson ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ Ghàidhlig fhèin ionnsachadh agus an rud mu dheireadh seo a sholar nas fharsainge, ann an co-chòrdadh ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus ris a’ Phlana Ghàidhlig againn fhèin.


Plana Ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2012-2017 mar a chaidh aontachadh leis a’ Chùirt air 13 Dùbhlachd 2011