Home Mu UHI Ro-innleachd agus planadh Ionmhas agus bun-structair

Ionmhas agus bun-structair

Amas ro-innleachdail 6

A bhith air chomas airgead a chur an seilbh ann an iomairtean ro-innleachdail agus an cothrom a ghabhail air cothroman ùra.


Agus sinn nar stèidheachd ùr, feumaidh sinn a bhith air chomas airgead a chur an seilbh agus fàs a thoirt oirnn fhèin.  Iarraidh seo cuibhreann nas motha den airgead a tha ri fhaotainn às an sporan phoblach mar aithneachadh air an inbhe oilthigh a choisinn sinn o chionn ghoirid agus an neo-chothromachd a bh’ ann a thaobh mar a bha maoineachadh foghlaim air a riarachadh eadar roinnean na h-Alba.  Air ar son-ne dheth bheir sinn air aghaidh tobraichean maoineachaidh a mheudaicheas an teachd a-steach againn à tobraichean eile a bharrachd air Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba feadh ùine a’ phlana seo.

Amasan taobh a-staigh de dh’ùine a’ phlana ro-innleachdail seo:

6.1    Airgead a chòrr a dhèanamh à gnìomhachdan tillteach, feadh na meadhan-ùine is na fad-ùine, gus am bi stòrasan againn cùl na làimhe a ghabhas cur an seilbh.

6.2    Sruthan maoineachaidh altram à tobraichean eile a bharrachd air Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba.

6.3    Modail riaghlaidh a chruthachadh a nì am feum as fheàrr de stòrasan agus a cheadaicheas airgead a chòrr ath-riarachadh eadar ionadan is gnìomhachdan, a choilionadh amasan ro-innleachdail.

6.4    Taobh a-staigh de na cuingealachdan a th’ oirnn san obair againn, airgead a chur an seilbh ann an dòigh ro-innleachdail san tìr is togalaichean agus am bun-structair againn, a’ gabhail a-steach ann an com-pàirteachas le càch, gus an coilion sinn na rudan a tha feumail do na profaidhlean atharrachail againn a thaobh oileanaich, luchd-obrach is rannsachadh agus na rudan ris a bheil iad am fiughair.


Plana Ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2012-2017 mar a chaidh aontachadh leis a’ Chùirt air 13 Dùbhlachd 2011