Home Mu UHI Ro-innleachd agus planadh Rannsachadh

Rannsachadh

Amas ro-innleachdail 4a

Obair rannsachaidh is iomlaid eòlais bhrìoghmhor a chumail a’ dol is a leasachadh.


Mun gabh an t-eaconamaidh eòlais leasachadh taobh a-staigh den sgìre againn tha feum air caochladh obair rannsachaidh is iomlaid eòlais san sgìre fhèin is i ceangailte ri oilthigh anns a bheil sàr-mhaitheas rannsachaidh a choisinn cliù aig an ìre eadar-nàiseanta agus a tha an sàs cuideachd ann an obair rannsachaidh is iomlaid eòlais ghnìomhaichte a tha gu feum ann an dòigh dhìreach do dh’fhastaichean is don chomann-shòisealta.

Amasan taobh a-staigh de dh’ùine a’ phlana ro-innleachdail seo:

4a.1    A bhith a’ togail air an t-sàr-mhaitheas rannsachaidh a th’ ann cheana ann an raointean a bhuineas ris an lèirsinn is ris an adhbhar bith againn, is sinn a’ toirt an aire gu sònraichte do shaidheans mara, lùth ath-nuadhachail, an àrainneachd dhùthchail, saidheans beatha, cultar agus dualchas.

4a.2    Na chuireas sinn a-steach do Fhrèama Sàr-mhaitheis Rannsachaidh 2014 a dhèanamh cho math ’s a ghabhas.

4a.3    Tèama ùr a chruthachadh de rannsachadh air eòlas foghlaim, co-cheangailte ris an ionnsachadh is an teagasg againn.

4a.4    Ceanglaichean a dhèanamh ri gnothachasan is fastaichean san sgìre agus nas fhaide às ann a bhith a’ toirt air aghaidh rannsachadh gnìomhaichte, co-chomhairleachadh agus iomlaid eòlais.

4a.5    Luchd-obrach acadaimigeach a bhrosnachadh is a chuideachadh a bhith a’ dol an sàs san ìre de rannsachadh, iomlaid eòlais agus obair sgoilearach as iomchaidh don dreuchd aca, a thaobh an cuspair agus an eòlais fhoghlaim a bhuineas dha an dà chuid, airson cultar fiosrachail altram air feadh an oilthigh.

4a.6     Feabhas a thoirt air na ceanglaichean eadar an rannsachadh againn agus an curraicealam.


Amas ro-innleachdail 4b

Cumhachdan a chosnadh a bhith a’ toirt seachad cheumannan rannsachaidh.


Tha cumhachdan a chosnadh a bhith a’ toirt seachad cheumannan rannsachaidh (feart as bunaiteach do dh’oilthigh an Alba agus rud a chuir sinn mar fhiachaibh oirnn fhèin sa bhonn-stèidh againn anns a bheil e fighte a-steach) an eisimeil bunait de luchd-obrach aig a bheil na barrantasan is an gnàth-eòlas iomchaidh agus a tha aithnichte am measg an co-inbhich airson an t-sàr-eòlais aca is iad an sàs gu tur sa chuspair aca.  Is e a tha a dhìth airson seo a choilionadh cultar air feadh na stèidheachd a dh’altraimeas agus a bheir taic do rannsachadh is sgoilearachd chruthachail agus a riaghlas obair rannsachaidh is iomlaid eòlais sheasmhach gus am bi i aithnichte aig an ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Amasan taobh a-staigh de dh’ùine a’ phlana ro-innleachdail seo:

4b.1    Na cleachdaidhean as fheàrr san roinn a chur an gnìomh a thaobh luchd-rannsachaidh a leasachadh.

4b.2    Cultar rannsachaidh lìonsgarach a bhrosnachadh a bhios taiceil do sgoilearachd an luchd-obrach.

4b.3    Clàr-ama agus pròiseas aontachadh is a thoirt air aghaidh airson cumhachdan a chosnadh a bhith a’ toirt seachad cheumannan rannsachaidh.

 

Plana Ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2012-2017 mar a chaidh aontachadh leis a’ Chùirt air 13 Dùbhlachd 2011