Home Mu UHI Ro-innleachd agus planadh Riaghladh agus stiùireadh

Riaghladh agus stiùireadh

Amas ro-innleachdail 5

A bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi an ceannardas is na modhan riaghlaidh againn a bhios a dhìth airson an t-adhbhar bith agus an lèirsinn againn a thoirt air aghaidh agus a bhios an co-chòrdadh ris an dealas a th’ againn airson nan oileanach, nan coimhearsnachdan is an luchd-ùidhe againn agus an dàimh a th’ againn riutha.


Agus sinn nar n-oilthigh ùr an àm mì-chinnt san eaconamaidh air feadh an t-saoghail, tha sinn a’ toirt aghaidh air dùbhlain chudromach ach cothroman cuideachd.  Tha feum air ceannardas, modhan riaghlaidh matha agus stiùireadh diongmhalta mun gabh dol an grèim riutha seo.  Tha iad ag iarraidh cuideachd gun co-oibrich sinn nas dlùithe fhathast an com-pàirteachas air feadh nan roinnean foghlaim adhartaich is àrd-ìre, leis an roinn phoblaich san fharsaingeachd agus le com-pàirtichean san treas roinn is an roinn phrìobhaidich nuair a bhios sin iomchaidh.

Amasan taobh a-staigh de dh’ùine a’ phlana ro-innleachdail seo:

5.1    Sgrùdadh a choilionadh air na modhan riaghlaidh agus na toraidhean a chur an gnìomh.

5.2    Feabhas a thoirt air na cothroman airson leasachadh luchd-obrach, a’ gabhail a-steach prògram leasachadh ceannardais a stèidheachadh.

5.3    A bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi guth nan oileanach aig teis-meadhan nam pròiseasan againn airson co-dhùnaidhean a ruigsinn anns na modhan riaghlaidh agus ann an stiùireadh ghnothaichean acadaimigeach.

5.4    Ceanglaichean a dhèanamh ri luchd-ùidhe sgìreil is ionadail, a dhèanamh cinnteach gum bi na planaichean is an obair againn a rèir nan rudan air a bheil feum aca agus ris a bheil iad am fiughair.

5.5    Ceanglaichean daingeann a stèidheachadh ri Com-pàirteachasan Planadh Coimhearsnachd san sgìre againn.

5.6     A bhith a’ dèanamh cinnteach nach bi a leithid de rud ann is ‘doras ceàrr’ san dòigh air am bi sinn a’ dèanamh dhàimhean ri daoine a dh’fhaodadh uaireigin a bhith nan oileanaich agus fastaichean.

5.7    Eugsamhlachd altram am measg an luchd-obrach is nan oileanach againn agus a bhith a’ dèiligeadh ris a h-uile duine air stèidh co-ionannachd is le urram don chultar is na luachan aca.

5.8    Co-obrachadh a stèidheachadh ann an dòigh ro-innleachdail is roghnach le com-pàirtichean nàiseanta is eadar-nàiseanta far a bheil iad an co-chòrdadh ris na h-amasan ro-innleachdail is na bun-tomhasan maitheis againn.


Plana Ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2012-2017 mar a chaidh aontachadh leis a’ Chùirt air 13 Dùbhlachd 2011