Home Mu UHI Ro-innleachd agus planadh Sgrùdadh agus aithris

Sgrùdadh agus aithris

Tomhas, sgrùdadh agus aithris

Bidh toraidhean so-thomhas (comharraidhean coilionaidh) gam mapadh an aghaidh gach aon de na h-amasan ro-innleachdail.  Is e toimhsean o thaobh a-staigh na stèidheachd a th’ ann an cuid dhiubh seo, agus tha cuid eile stèidhichte air tobraichean dàta is comharraidhean coilionaidh on taobh a-muigh.  Cho fhad ’s a bhios an dàta on taobh a-muigh ri fhaotainn, thèid cunntas a thoirt orra seo do Chomhairle Acadaimigeach an oilthigh agus/no Comataidh Phoileasaidh agus Ghoireasan a’ Chom-pairteachais Àrd-fhoghlaim gach ràith.  Is ann air na buidhnean seo a bhios an t-uallach airson cunntas a thoirt air adhartas do Chùirt an Oilthigh agus fios a thoirt mu cho-dheasachadh no ceartachadh sam bith a bhios a dhìth.


Ath-bhreithneachadh

Tha am plana ro-innleachdail a’ toirt a-steach còig bliadhna o 2012 gus 2017.  Tha am fad seo freagarrach don oilthigh aig an ìre seo san fhàs aige agus e a’ socrachadh cùrsa soilleir airson leasachadh an oilthigh feadh ùine a’ phlana.  Air a shon sin, thèid ath-bhreithneachadh a dhèanamh air a’ phlana a h-uile bliadhna agus faodaidh gun tèid a ath-leasachadh no rudeigin a chur na àite feadh nan còig bliadhna, ma bhitear den bheachd gu bheil feum air sin.


Planadh obrachail

Mar bhunait do choilionadh nan amasan is nan cuimsean ro-innleachdail bidh planaichean obrach gnìomhachail agus pròiseasan planaidh nan com-pàirtichean acadaimigeach.


A bhith an co-chòrdadh ri planaichean ro-innleachdail nan com-pàirtichean acadaimigeach

Agus iad nan stèidheachdan neo-eisimeileach, tha a phròiseas is a chuairt fhèin aig gach fear de chom-pàirtichean acadaimigeach an oilthigh a thaobh planadh ro-innleachdail.  Air a shon sin, bha na com-pàirtichean acadaimigeach air fad is làmh aca gu gnìomhach ann a bhith a’ dealbhadh plana ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha, cho fhad ’s a ghabhas agus cho fhad ’s as iomchaidh, an co-chòrdadh ri rùintean coitcheann nan stèidheachdan a tha nam pàirt den oilthigh.  Is dual, mar sin, mar a dh’ath-nuadhaicheas gach com-pàirtiche acadaimigeach a phlana ro-innleachdail fhèin, gun tèid na h-amasan is na cuimsean am plana ro-innleachdail an oilthigh a thogail is a sgàthanachadh sna sgrìobhainnean planaidh aca fhèin.

 

Plana Ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2012-2017 mar a chaidh aontachadh leis a’ Chùirt air 13 Dùbhlachd 2011