A’ comharrachadh 100 bliadhna de dh’achd tuineachaidh fearann na h-Alba

Thèid comharrachadh den Achd Tuineachaidh Fearann (Alba) 1919 a chumail aig tachartas ceud bliadhna eadar 26 agus 28 Sultain 2019 ann a Ceann Loch ann an Eilean Leòdhais.

see full size image
Spùinneadairean fearann Losgaintir

Tha a’ cho-labhairt ga cur air dòigh le Ionad Eachdraidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an co-obrachadh le Ionad Fearann Teachdail na h-Alba agus Buidheann Rannsachaidh Cruinn-eòlas Eachdraidheil.

Bhruidhinn an Dr Iain Robasdan, Leughadair aig Ionad Eachdraidh an oilthighe, mu cho iomchaidh ’s a tha e an-diugh:

“A dh’aindeoin cho cudromach ’s a tha e, chan eil an Achd Tuineachaidh Fearann (Alba) 1919 cho aithnichte no air a comharrachadh mar a tha prìomh phìosan de reachdas fearainn eile, leithid Achd nan Croitearan 1886 agus an Achd Ath-leasachaidh Fearann (Alba) 2003.

“Le bhith a’ comharrachadh ceud bliadhna, tha cothrom sònraichte againn an saoghal acadaimigeach a thoirt còmhla ris a’ choimhearsnachd ionadail gus a’ bhuaidh mhòr a bh’ aig an Achd air fearann agus comann-sòisealta na Gàidhealtachd agus a dìleab a chomharrachadh. Tha sinn cuideachd a’  comharrachadh gun robh an Achd mar phàirt de bhrosnachadh cruinneil a bha ag amas air mothachadh air cothromachadh fhaighinn air ais ann an dàimhean sòisealta timcheall air fearann agus a shealbh.”

Mar thoradh air achd 1919 chaidh bailtean-fearainn ùra a chruthachadh agus ath-bheothachadh a dhèanamh air an fheadhainn a th’ ann air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Chruthaich e na cumhaichean airson gluasad air ceannach coimhearsnachd agus is e cruth-atharrachadh leantainneach air seilbh fearainn na Gàidhealtachd, pàirt den dìleab aige an-diugh.

Is e an t-Àrd-ollamh Emeritus Eachdraidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Jim Hunter, am prìomh neach-labhairt aig an dìnnear fosglaidh air Diardaoin 26 Sultain. Thuirt e:

“Tha mi glè thoilichte a bhith an sàs anns a’ chomharradh seo de reachdas don deach sabaid gu cruaidh agus a thug daoine air ais gu mòran àiteachan air am fàgail bàn aig na fuadaichean. A-nis seach gu bheil an gluasad fearainn coimhearsnachd a’ feuchainn ri daoine a thoirt a-steach a-rithist, gu h-àraidh ann an àiteachan mar Ulbha, tha e nas cudromaiche gum bi sinn ag ionnsachadh leasanan bho na chaidh a thoirt gu buil cho soirbheachail ann an 1919 agus anns na bliadhnaichean a lean.”

Bidh a’ cho-labhairt a’ toirt a-steach eòlaichean eadar-nàiseanta bho Oilthigh Tempere san Fhionnlainn, Oilthigh Curtin ann an Astràilia, Oilthigh British Columbia agus Canada a’ beachdachadh air seallaidhean eadar-nàiseanta air tuineachadh fearainn. Gabhaidh an tachartas a-steach an dà shealladh co-aimsireil air cùisean fearainn agus beachdaichidh e air dìleab Achd 1919. Bidh an tachartas cuideachd a’ toirt a-steach dàrna prìomh òraid leis an Ollamh Eòghann Camshron (Oilthigh Dhùn Èideann) agus tabhartasan bhon choimhearsnachd ionadail agus luchd-ealain. Thathas a’ tabhann tursan-raoin do Thaobh Siar na Hearadh le Urras Taobh Siar na Hearadh agus Ceann a Deas nan Loch.

Tha clàradh fosgailte gus àite a ghlèidheadh aig a’ cho-labhairt iomlan, tursan achaidh no seiseanan fa leth air Dihaoine 27 agus Disathairne 28 Lùnastal, tadhail air www.uhi.ac.uk