An t-Oilthigh a’ foillseachadh Plana Gàidhlig ùr

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air an treasamh Plana Gàidhlig aca fhoillseachadh. Tha an sgrìobhainn a’ mìneachadh ro-innleachd an oilthighe airson leantainn air adhart le leasachadh is adhartachadh air cleachdadh na Gàidhlig tro dhòighean-obrach, curraicealam agus conaltraidhean gu 2022. Tha molaidhean a’ gabhail a-steach barrachd stòrasan dà-chànanach a thoirt gu buil, luchd-obrach a bhrosnachadh gu Gàidhlig ionnsachadh mar phàirt de am planaichean leasachaidh agus a bhith a’ cumail barrachd thachartasan Gàidhlig.

see full size image

Bidh an sgrìobhainn a’ togail air coileanaidhean a bha soirbheachail fo na planaichean eile. Tro phlana 2014 gu 2018, leudaich an t-oilthigh an curraicealam Gàidhlig aca, a’ leasachadh raon de phrògraman ùra a’ gabhail a-steach BA (Urram) ann an Gàidhlig is Foghlam agus Dioplòma Cheumnaichean Proifeiseanta do luchd-teagaisg bun-sgoile is àrd-sgoile. Bha e ag obair cuideachd le luchd-obrach air feadh a’ chom-pàirteachais gus seiseanan mothachaidh don Ghàidhlig a chumail agus cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh air feadh an lìonra.

Mhìnich an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, cudromachd a’ phlana: “Mar an t-aon oilthigh a tha stèidhichte sa Ghàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba, tha sinn fìor mhothachail do ar dleastanasan a thaobh a bhith a’ neartachadh cleachdadh agus inbhe na Gàidhlig. Fhad ’s a tha sinn pròiseil às ar soirbheasan gu ruige seo, tha sinn cuideachd dèidheil air togail air na soirbheasan sin. Tha am plana ùr a’ taisbeanadh dealas leantainneach an oilthighe a thaobh na Gàidhlig.”   

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air Plana Gàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean oir bidh am plana seo a’ cur taic ri barrachd dhaoine le cleachdadh na Gàidhlig an dà chuid taobh a-staigh na buidhne agus gu poblach. Tha cùrsaichean agus rannsachadh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air leth cudromach airson Gàidhlig ionnsachadh agus airson ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig. A thuilleadh air sin, tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean dha-rìribh cudromach ann an cumail sluagh sa Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan agus ann an tarraing dhaoine eile don sgìre.”

Tha an treasamh Plana Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air ullachadh ann an co-rèir ris na slatan-tomhais reachdail a tha mìnichte ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus co-chomhairleachadh poblach. Chuir Bòrd na Gàidhlig, am buidheann leasachaidh Gàidhlig nàiseanta, aonta ris sa Ghearran. Faodar am plana fhaicinn agus a luchdachadh sìos aig www.uhi.ac.uk/planagaidhlig. Tha lethbhreacan clò-bhuailte rim faotainn cuideachd le an iarraidh.

Faodaidh ceistean sam bith a thaobh a’ phlana a chur gu Oifigear Gàidhlig an oilthighe, DJ Mac an t-Saoir, air 01463 279350 no communications@uhi.ac.uk.

Tuilleadh fiosrachaidh mu phrògraman Gàidhlig.