Bha inbhe àrd aig UHI ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach

Tha oileanaich UHI air seula aonta a chur air an eòlas oilthigh aca ann an suirbhidh air feadh na RA. Choilean UHI an ìre as àirde a-riamh airson sàsachadh oileanach ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2022. Tha na toraidhean a’ cur UHI sa cheathramh àite ann an Alba airson sàsachadh oileanach, os cionn 14 oilthighean eile air feadh na h-Alba.

Air a choileanadh gach bliadhna le Ipsos MORI, tha Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach a’ clàradh sàsachd oileanaich fho-cheumnach sa bhliadhna mu dheireadh anns gach taobh den eòlas aca.

Fhuair UHI sgòr nas àirde na cuibheasachd na h-Alba ann an 22 de na 27 ceistean, le toraidhean làidir anns na roinnean teagaisg, cothroman ionnsachaidh, taic acadaimigeach, eagrachadh is stiùireadh agus guth nan oileanach. Fhuair ceithir de chùrsaichean UHI ìre riarachaidh de 100% - am BA ann an ceòl gnìomhaichte (le Urram), HND ann an gnìomhachas, BSc (le Urram) saidheans mara agus gnìomhachas ciùil BA (le Urram) - agus bha toraidhean na roinne measaidh agus fios air ais 16% os cionn cuibheasachd roinneil na h-Alba.

A’ bruidhinn air na co-dhùnaidhean, thuirt an Dr Iain Moireasdan, deadhan eòlas oileanach aig UHI: “Tha na toraidhean seo bhon t-suirbhidh bhliadhnail as motha air oileanaich na RA a’ toirt fianais reusanta gu bheil ar modal lìbhrigidh sònraichte agus in-ghabhalach, a’ cleachdadh teicneòlas aig ìre cruinne agus luchd-obrach dìcheallach. dealasach a thaobh foghlam agus sunnd ar n-oileanaich, a’ frithealadh ar n-oileanaich gu math. Tha an luchd-obrach againn a’ leantainn air adhart a’ lìbhrigeadh ionnsachadh agus teagasg den chàileachd as àirde  agus cùram aoghaireil sàr-mhath, gus taic a thoirt do fheumalachdan ar n-oileanaich.

“Còmhla ri ar sàr thoraidhean ar Fhrèam Sàr-mhathais Rannsachaidh o chionn ghoirid, tha a bhith ann an suidheachadh cho àrd os cionn mòran oilthighean iongantach eile ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach na dhearbhadh eile gur e àite fìor mhath a th’ ann an UHI airson ionnsachadh.”

Chuir Heather Innes, Ceann-suidhe Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean, fàilte air na co-dhùnaidhean, ag ràdh: “Tha sinn toilichte toraidhean Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach fhaicinn agus air bhioran mun bhuaidh a bheir an dàta air dealas leantainneach UHI a thaobh foghlam agus eòlas ùr-ghnàthach. Bidh sinn ag obair ann an com-pàirteachas leis an oilthigh gus dèanamh cinnteach gum bi an t-àm ri teachd as fheàrr dha na h-oileanaich againn."

Chithear toraidhean Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2022 aig officeforstudents.org.uk/advice-and-guidance/student-information-and-data/national-student-survey-nss