Fuaimean iongantach na h-Alba rin cluinntinn aig Seachdain Thartain NYC

see full size image

Bidh ceathrar cheumnaichean ciùil bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cluich aig an 21mh Seachdain Thartain ann am Baile New York, mar phàirt de chom-pàirteachadh an oilthighe sna subhachasan a tha a’ toirt aithne do na tabhartasan aig Albannaich-Aimeireaganaich sna Stàitean Aonaichte (2 gu 8 Giblean).


Bidh na h-alumni chomasach Christian Gamauf, Jamie MacDonald agus Jack McRobbie, a choinnich fhad ’s a bha iad a’ sgrùdadh ceòl na h-Alba ann an àrainn Bheinn na Fadhla aig Colaisde a’ Chaisteil, a’ gnìomhadh aig àireamh de thachartasan fad na seachdaine.


Tha neach-taic an Oilthighe, Prickly Thistle Scotland, air cuireadh a thoirt don triùir à Beinn na Fadhla Luchd an Tartain a bhrosnachadh ron Phàirèid Thartain air Disathairne 6 Giblean. Tha am pairèid a’ tarraing nam mìltean de dhaoine, pìobairean agus luchd-caitheamh an tartain gu sràidean New York.


Thuirt Alison Wilson, an ceannard leasachaidh: “Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air bhoil a bhith mar phàirt de Sheachdain an Tartain.  


Le taic bho Stèidheachd Oilthigh na Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba, tha sinn air leth toilichte an cothrom seo fhaighinn air ceangal pearsanta a dhèanamh le caraidean is luchd-taic bhon diaspora Albannach aig a bheil an aon dìoghras don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus do leasachadh ar n-oilthigh, aon de na sgeulachdan soirbheachaidh as motha ann an Alba sna bliadhnaichean a dh’fhalbh.”


Thuirt Christian Gamauf: “Tha sinn gu mòr air bhioran a thaobh a bhith a’ cluich ann an sreath de ghnìomhaidhean air feadh Seachdain an Tartain. Is e urram a th’ ann dhuinn uile a bhith a’ toirt ceòl Innse Gall gu New York, agus tha sinn air leth toilichte a bhith a’ riochdachadh an oilthighe aig na tachartasan.”  


Bidh ceathramh alumnus a’ cluich aig Taste of Scotland còmhla ri Words and Whisky, aig Club an Oilthighe. Tha Matthew Brouard stèidhichte ann an Vermont cuideachd na alumnus de dh’àrainn Bheinn na Fadhla aig Colaisde a’ Chaisteil.  


Thuirt Anna-Wendy Stevenson, stiùiriche a’ phrògraim airson BA (urram) ann an ceòl co-chuirte stèidhichte aig Colaisde a’ Chaisteil UHI: “Tha e fìor thlachdmhor a bhith a’ faicinn ar n-oileanaich a’ roinn agus a’ comharrachadh ceòl bho chuid de na ceàrnaidhean as iomallaiche agus as saidhbhire cultair ann an Alba, le luchd-èisteachd bho air feadh an t-saoghail.”


Air an cuireadh le comataidh Latha an Tartain Nàiseanta, bidh Donna Heddle, stiùiriche Institiùd Eòlas a’ Chinn a Tuath agus Gary I Campbell, prìomh stiùiriche cunntais, a’  gabhail pàirt ann an Co-labhairt Latha an Tartain air a chumail ann an Washington.  


Bidh Gary com-pàirteach ann an seisean fosglaidh a’ phannail, “Fighe an Tartain, Aodach ar Dearbh-aithne” agus bidh an dithis a’ gabhail pàirt ann an seisean cuspaireil Brexit, a’ rannsachadh nam buadhan do dh’Alba.


Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu chùrsaichean ciùil a tha air an tabhann aig oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tadhailibh air www.uhi.ac.uk/en/courses. Leanaibh ar gnìomhan aig Seachdain an Tartain @nyctartanweek #ThinkUHI