Luchd-obrach an Oilthighe a’ togail còrr air £5000 do Befrienders Highland

see full size image

Thog luchd-obrach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean còrr air £5000 do Befrienders Highland tro ghnìomhachdan togail-airgid sa bhliadhna 2018.  Bha co-obraichean a’ coiseachd, a’ ruith is a’ rothaireachd anns gach seòrsa aimsir, ag eagrachadh madainnean cofaidh, làithean geansaidh na Nollaige agus fiù a’ fulang cèireadh-chasan an dèidh don oilthigh Befrienders Highland a thaghadh mar charthannas na bliadhna aca.

Chuir buill fa leth den luchd-obrach dùbhlain pearsanta romhpa fhèin airson cur ris an tabhartas.  Choisich Deadhan nan oileanach, an Dr Iain Moireasdan à Port MoCholmaig, agus a mhac Keir a tha 16 bliadhna a dh’aois, còrr air 100km bhon Ghearasdan gu Inbhir Nis air Slighe a’ Ghlinne Mhòir, a’ togail £1152. An uair sin nochd Iain, còmhla ris an iar-phrionnsapal an Dr Gary Caimbeul à Burghead, agus buill Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Graeme Kirkpatrick à Inbhir Nis agus Calum Stephen à Marc Innis ann am Fìobha, an casan lomnachd gus pàirt a ghabhail ann an cèireadh-chasan airson carthannas.

Ruith an Dr Kasia Goszcz à Inbhir Nis, rannsaiche iar-dhotaireil san oilthigh agus saor-thoileach le Befrienders Highland, an Leth Mharaton sa Mhàrt a’ togail iomlan de  £179. As t-earrach choisich agus rothairich Val Cooper à Gleann Urchadain, oifigear trèanaidh na sgoile ceumnachaidh, còig cilemeatairean airson 50 latha a’ togail còrr air £110, agus an uair sin nas fhaide air adhart as t-samhradh, thog an rianaire acadaimigeach Tara NicIlleDhuibh à Inbhir Nis, £160 a’ rothaireachd slighe spòrs chruaidh Ride the North. Ghabh Morgane Artacho, oifigear pròiseict san oilthigh, dùbhlan glè phearsanta os làimh tron bhliadhna le bhith a’ ruith agus a’ coiseachd 100 cilemeatair do gach bliadhna de a h-aois, agus bha i soirbheachail ann an ruighinn 4007km air 31 Dùbhlachd.

Am measg ghnìomhachdan togail-airgid eile air an cur air dòigh leis an oilthigh, bha crannchur Cupa na Cruinne, madainnean cofaidh, oidheachannan coiridh agus crannchur dhuaisean na Nollaige. Thàinig na tachartasan gu crìch le paidhean mions agus latha geansaidh Nollaige aig deireadh na bliadhna. Cleachdaidh Befrienders Highland an t-airgead a chaidh a thogail gus cuideachadh le beatha dhaoine agus an luchd-cùraim sa Ghàidhealtachd a leasachadh, a tha aonaranach agus air an iomall agus a tha a’ fulang droch shlàinte inntinn, duilgheadas le cuimhne no seargadh-inntinn.

A 'cur fàilte air an tabhartas, thuirt Susan White, Stiùiriche Gnìomha aig Befrienders Highland: "Bha e na urram dha Befrienders Highland a bhith air a thaghadh mar charthannas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson 2018 agus taing mhòr do luchd-obrach an oilthigh airson an taic gu lèir tron bhliadhna. Tha sinn an urra ri daoine a togail airgead airson ar seirbhis a libhrigeadh agus diofar a’ dhèanamh ann am beatha dhaoine, agus mar sin bu toil linn às leth a h-uile duine a tha faighinn taic, taing a thoirt seachad airson leigeil leotha eòlas fhaighinn air cumhachd càirdeas”.

Thuirt an Dr Iain Moireasdan: “Is e carthannas fìor shònraichte a th’ ann am Befrienders Highland, a’ gabhail os làimh obair a tha air leth luachmhor le cuid de na daoine as so-leònte nar coimhearsnachdan. B’ e tlachd a bh’ ann taic a chur riutha ged a tha mo chasan-sa fhathast lom ann an àiteachan bhon chèireadh agus bha aig Keir rim ghiùlain air a dhruim fad an 20 mìle mu dheireadh den chuairt! Ach dhèanainn e uile a-rithist.”

Thuirt Morgane Artacho: “Chòrd e rium gu mòr a dhol tron turas dealais seo. Gleidhidh mi cuimhneachain thlachmhor air a bhith a’ coinneachadh ri cuid de charactaran fìor bhrosnachail rè mo thurais. ’S e iomallachd aon de na feartan as tarraingiche den Ghàidhealtachd, ach faodaidh sin a bhith na dhùbhlan mòr do dhaoine a tha a’ fulang le droch shlàinte inntinn no cùisean eile, a tha air an cuideachadh gu mòr tro chonaltradh cunbhalach le buidhnean mar Befrienders Highland.”

Tha luchd-obrach an Oilthighe air Mikeysline a thaghadh mar charthannas na bliadhna 2019. Tha am buidheann ag obair gus dèiligeadh ri duilgheadasan le slàinte inntinn a bhios daoine fa leth sa Ghàidhealtachd a’ fulang, a’ togail mothachadh do chùisean agus gan deasbad.