Oilthigh na Gàidhealtachd a’ comharrachadh Latha Eadar-nàiseanta nam Ban

see full size image
Alex Walker agus Deborah Halliday

Thàinig còrr is 50 co-obraiche bho air feadh Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean cruinn còmhla gus Latha Eadar-nàiseanta nam Ban a chomharrachadh Dihaoine 8 Màrt.  Chaidh còmhdhail shònraichte luchd-obrach a chumail gus: coileanasan nam ban tarsainn an oilthigh a chomharrachadh; bruidhinn air mar a tha co-ionnanas gnè air a bhrosnachadh; agus rannsachadh dè eile a ghabhas dèanamh a thaobh nan dùbhlan a dh’fhaodadh a thighinn an rathad luchd-obrach boireann. Bha na h-àiteachan gu lèir air an gàbhail aig an tachartas seo a chaidh a chumail aig Colaiste Inbhir Nis UHI agus thàinig co-obraichean a-steach cuideachd air ceangal air loidhne bho air feadh com-pàirteachais an oilthigh.
   
Air a’ phrògram bha luchd-labhairt bhon luchd-obrach, oileanaich agus aoighean. Bhruidhinn Proifeasairean Diane Kelly agus Joy Merrell air mar a chaidh a’ bheàrn ann an tuarastalan eadar na gnèithean a lùghdachadh ann an Oilthigh Swansea. Bhruidhinn oileanach ann an cruinn-eòlas, Deborah Halliday,  air cho cudromach ’s a bha e a bhith a’ brosnachadh bhoireannaich obraichean a ghabhail anns an roinn dhùthchail, agus bhruidhinn Dr Maren Deepwell, àrd-oifigear Comann Ionnsachadh Teicneòlais, air an eòlas a bha aicese ag obair ann an teicneòlas foghlaim. Thàinig an latha gu crìch le òraid bho Anna-Wendy Stevenson, òraidiche ciùil agus ceannard prògraim aig Colaisde a’ Chaisteil UHI. Dh’inns Anna-Wendy, a choisinn duais oide ciùil na bliadhna bho Hands up for Trad o chionn ghoirid, mar a tha ceòl air brosnachadh a thoirt dhi na dreuchd a’ teagasg.

Bha tachartas an oilthigh na phàirt de iomairt nas fharsainge a bha a’ comharrachadh Latha Eadar-nàiseanta nam Ban, a thug a-steach na meadhanan sòisealta agus deasachadh sònraichte den litir-naidheachd airson luchd-obrach. Bha an iomairt air a co-òrdanachadh le lìonradh nam ban san oilthigh, a chaidh a chur air bhonn gus dùbhlain a bha aig boireannaich ann am foghlam aig àrd-ìre agus ìre-adhartach a dheasbad agus dèiligeadh riutha.

‘S e Alex Walker bho Acadamaidh Teagaisg agus Foghlaim an Oilthigh a chuir an tachartas airson Latha Eadar-nàiseanta nam Ban air dòigh. Thuirt i: “Tha Latha Eadar-nàiseanta nam Ban cudromach airson an oilthigh oir tha e a’ toirt a’ chothruim dhuinn faighinn a-mach mar as fheàrr as urrrainn dhuinn co-ionnanachd-gnè, is rannsachadh, is seirbhisean proifeasanta a chur air adhart airson ar co-obraichean agus oileanaich. ’S e cothrom a tha ann cuideachd innse mun obair leasachaidh, riochdachaidh agus adhartachaidh a tha sinn air a bhith a’ dèanamh airson an fheadhainn a tha gan aithneachadh fhèin mar bhoireannaich. Tha Latha Nàiseanta nam Ban a’ cruinneachadh co-obraichean bho air feadh a’ chom-phàirteachais mar chomharrachadh agus aithneachadh air coileanasan an fheadhainn a bhios gan aithneachadh fhèin mar bhoireannaich. ’S e an t-amas gum bi com-pàirtichean air am brosnachadh, agus dealasach mu lèirsinn an institiud againn, instituid a bhios a’ brosnachadh co-ionannachd gu gnìomhach.”

Thuirt proifeasairean Diane Kelly agus Joy Merrell: “Tha sinn ro-thoilichte a bhith a’ gabhail pàirt anns a’ chuirm agaibh airson Latha Eadar-nàiseanta nam Ban agus a’ bruidhinn air an adhartas a tha Oilthigh Swansea a’ dèanamh ann a bhith a’ brosnachadh co-ionannachd gnè agus a bhith a’ dèiligeadh ris a’ bheàrn pàighidh ghnèitheach ann am foghlam àrd-ìre.”

Chuir Deborah Halliday, oileanach ann an cruinn-eòlas aig Colaiste Inbhir Nis UHI, ri seo ag ràdh: Tha am prògram airson ceum BSc ann an cruinn-eòlas air mo chuideachadh ùidh làidir a thogail anns an roinn dùthchail. Tha an t-iomadh turas-raoin tarraingeach a tha air an tabhainn air a’ Ghàidhealtachd agus nas fhaide air falbh (An Eilbheis) air mo shùilean fhosgladh gus tuigsinn cho cudromach ’s a tha dìon na h-àrainneachd. Tha seo air m’ ùidh a thogail ann an dreuchd san roinn dùthchail.  Tha mi faireachdainn gu bheil e cudromach gum faigh barrachd bhoireannaich òga agus òigridh anns an fharsaingeachd a-mach mu na cothroman a tha air an tairgsinn anns an roinn dùthchail. Agus, tha mi a’ cur taic làidir ri foghlam àrainneachdail aig gach ìre foghlaim. Le sin, bha mi toilichte cuireadh fhaighinn airson bruidhinn agus pàirt a ghabhail ann an tachartas a tha a’ brosnachadh àite nam ban anns an roinn dùthchail.”

’S e latha cruinneil a tha a’ comharrachadh choileanasan sòisealta, eaconomaigeach, culturail, agus poilitigeach bhoireannaich a tha ann an Latha Eadar-nàiseanta nam Ban. Tha an latha cuideachad mar chrann-tara gus co-ionannachd gnè a ghreasadh. Tha tèama na bliadhna seo #balanceforbetter a’ cur solas air cho cudromach ’s a tha e co-chothromachadh-gnè a bhrosnachadh ann an raointean mar an àit’-obrach, seòmraichean bhòrd agus na meadhanan. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air www.internationalwomensday.com