Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ leigeil dheth a dhreuchd

see full size image

Àrd-Ollamh Clive Mulholland

Tha Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean,  an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, air ainmeachadh an-diugh (Diciadain 28 Samhain 2018) do Chùirt an Oilthighe, buidheann riaghlaidh an oilthighe, gu bheil e a’ coimhead ri a dhreuchd a leigeil dheth san Iuchar 2019.

Thàinig an t-Àrd-Ollamh Mulholland, a tha à Béal Feirste bho thùs, don oilthigh ann an 2014. Air trèanadh mar neach-saidheans bith-meidigeach, thòisich e na dhreuchd-beatha anns an t-seirbheis chatharra shaidheansail mus do ghluais e gu an NHS, agus mu dheireadh roinn nan oilthigh. Bha dreuchdan aig an Àrd-Ollamh Mulholland ann an Oilthigh Ulaidh, Oilthigh na Banrigh, Oilthigh Swansea agus Oilthigh na Cuimrigh a Deas mus do ghluais e chun na Gàidhealtachd.  

Thuirt Garry Coutts, cathraiche Cùirt an Oilthighe: “Às leth na cùirte, bu mhath leam taing a thoirt don Àrd-Ollamh Mulholland airson a chuid seirbheis agus a dhealas a thaobh leasachadh an oilthighe thar nan ceithir bliadhna gu leth a chaidh seachad, agus tha sinn a’ guidhe gach dùrachd dha na bheatha air cluaineas.

“Fo a cheannardas, tha sinn air àireamhan nan oileanach sa cholaiste agus san oilthigh fhaicinn a’ fàs ann an àm cudromach de dh’atharrachadh reachdail, a chunnaic dleastanas foghlaim àrd-ìre agus adhartach nar roinn a’ tighinn còmhla fo chùirt an oilthighe.

“Tha àrainnean ùra air an togail, togalaichean còmhnaidh do dh’oileanaich agus leasachaidhean ann an slàinte, a’ gabhail a-steach ar roinn banaltramachd ùr. Nas tràithe am-bliadhna, fhuair sinn an rangachadh a b’ àirde a bh’ againn fhathast anns an t-suirbhidh oileanaich nàiseanta bho oileanaich thoilichte ann am foghlam àrd-ìre, agus tha sinn air comasan dhreuchdan nan oileanach a tha a’ fàgail, fhaicinn a’ leasachadh. A thuilleadh air an sin, chaidh aithrisean ath-bhreithneachaidh foghlam adhartach Foghlam Scotland adhartachadh dha na colaistean com-pàirteachais againn, choilean sinn am breithneachadh iomlan as fheàrr airson an oilthigh anns an sgrùdadh stèidheachaidh againn.        

Fhuair sinn cumhachdan buileachaidh ceum rannsachaidh ann an 2017, a’ cur crìoch air ar slighe gu oilthigh. A thuilleadh air an sin, tha sinn a’ leantainn air adhart a’ com-pàirteachadh ann an rèiteachaidhean fàis agus baile gu buannachd ar coimhearsnachdan agus air com-pàirteachasan gnothachais is coimhearsnachd a bhrosnachadh. Tha sinn air a thighinn air slighe fhada fo stiùir an Àrd-Ollaimh Mulholland.”

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Mulholland: “Bha e an-còmhnaidh na rùn agam mu dhreuchd a leigeil dheth aig 60, as dèidh dreuchd 'dol thairis air 44 bliadhna. Tha an t-oilthigh air mòran a choileanadh thar nan còig bliadhna a dh’fhalbh agus tha a chliù air fàs gu h-àibheiseach, an dà chuid gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha mòran dùbhlain air a bhith againn agus bidh tuilleadh romhainn san àm ri teachd. Ach, tha sinn air cothroman matha a ghabhail agus air an tionndadh gu soirbheachaidhean dem faod sinn a bhith moiteil tarsainn na roinne air fad, agus tha sibh uile air pàirt chudromach a choileanadh sna h-euchdan sin.    

“Is e institiùd gun choimeas a th’ ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus chanainn cuideachd gur e an sgeul foghlaim shoirbheachail as motha ann an Alba ann an ceud bliadhna. O chionn còig bliadhna fichead, bha beachd-smuain a thaobh oilthigh anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan mar nì a bha daoine a’ meas caran faoin is neo-phractaigeach.  ’S e urram a th’ ann dhomh a bhith air pàirt bheag a choileanadh ann am meanbh-fhàs a leithid de chruthaidheachd iongantach. Tha mi an dòchas gu mòr leantainn air adhart nam thosgaire don oilthigh agus a bhith ga àrd-mholadh fad’ is farsaing.”

Bidh e an urra ri Cùirt an Oilthighe neach eile fhastadh an àite an Àrd-Ollaimh Mulholland ron bhliadhna ùr acadaimigeach 2019 gu 2020.