Tha toraidhean rannsachaidh aig ìre cruinne a’ sealltainn cho cudromach sa tha ceangal coimhearsnachd UHI

Tha cha mhòr trì chairteal de rannsachadh UHI air a bhith air a sheòrsachadh mar ‘sar-mhath gu cruinneil’ no ‘sar-mhath gu h-eadar-nàiseanta’ ann an sgrùdadh eòlach ùr, a chaidh a ghabhail os làimh gus càileachd an rannsachaidh ann an ionadan foghlaim àrd-ìre na RA, a mheasadh.

see full size image
Tha rannsachadh le UHI aig cladhach Nis of Brodgar air barrachd com-pàirt coimhearsnachd a bhrosnachadh le dualchas agus arc-eòlas. Creideas: Jo Bourne

Tha cha mhòr trì chairteal de rannsachadh UHI air a bhith air a sheòrsachadh mar ‘sar-mhath gu cruinneil’ no ‘sar-mhath gu h-eadar-nàiseanta’ ann an sgrùdadh eòlach ùr, a chaidh a ghabhail os làimh gus càileachd an rannsachaidh ann an ionadan foghlaim àrd-ìre na RA, a mheasadh.

Chaidh rannsachadh ann an slàinte is banaltramas, siostaman talmhainn agus saidheansan àrainneachdail agus mara, àrc-eolas, foghlam, sgrùdaidhean sgìreil, Gàidhlig agus eachdraidh uile aithneachadh leis an Fhrèam Sàr-mhathais Rannsachaidh a chaidh fhoillseachadh an-diugh (Diardaoin 12 Cèitean)

Sheall am measadh as ùire seo air raon de thaobhan na h-obrach aig 147 luchd-rannsachaidh tarsainn com-pàirteachas UHI. Rinn e sgrùdadh air buaidh an rannsachaidh aca, a’ sealltainn mar as urrainn do rannsachadh cuimsichte aig UHI taic a thoirt do shoirbheachas eaconamach seasmhach agus in-ghabhalach nar coimhearsnachdan, a bharrachd air dèiligeadh ri cuid de na dùbhlain as motha a tha aig Alba.

Thuirt prionnsapal agus iar-sheansalair UHI, an t-Ollamh Todd Walker: “Is e deagh thoradh a tha seo airson UHI agus tha e ag aithneachadh gun urrainn dhuinn barrachd air ar cuid fhèin a chumail ann an àrainneachd rannsachaidh fharpaiseach. Tha sinn air na bha sinn an dùil a choileanadh agus air a dhol thairis air, a’ togail air ar soirbheachas ann an 2014. Bu chòir don luchd-obrach, na h-oileanaich agus na coimhearsnachdan againn a bhith moiteil à UHI a tha a’ lìbhrigeadh ìre àrd de rannsachadh gu h-ionadail, gu roinneil, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

"Tha àite air leth agus freumhan domhainn aig UHI nar coimhearsnachdan. Tha an rannsachadh againn nas ceangailte ris na feumalachdan acasan agus tha sin gar cuideachadh gus a bhith barraichte ann an raointean a tha cudromach dhaibh, a’  gabhail a-steach an leasachaidh san àm ri teachd. Bidh sinn a’ cleachdadh ar n-eòlais ionadail gus co-obrachadh agus a dhol an sàs le luchd-rannsachaidh agus pròiseactan air feadh an t-saoghail – ’s e fìor choileanadh a tha sin airson ionad cho òg.”

Tha am Frèam Sàr-mhathais Rannsachaidh a' toirt seachad cunntachalachd airson tasgadh poblach ann an rannsachadh, a' taisbeanadh a bhuannachdan agus a bhuaidh. Tha toraidhean air an cleachdadh cuideachd gus riarachadh air maoineachaidh rannsachaidh san àm ri teachd, fhiosrachadh.

“Tha UHI a-nis air ar làthaireachd a stèidheachadh gu daingeann ann an suidheachadh na h-Alba,” thuirt an t-Ollamh Donna Heddle, iar-phrionnsapal an gnìomh (rannsachadh) aig UHI. “Tha an toradh seo a’ leantainn air adhart a’ nochdadh fianais làidir mu bhith a’ leasachadh comas rannsachaidh thar raon farsaing de raointean. Tha e a’ sealltainn dìreach mar a bu chòir agus mar a tha UHI mar bhunait do ghnìomhachd eaconamach nar sgìre. Tha sinn a’ dèanamh fìor eadar-dhealachadh air an àrainneachd againn, air a’ choimhearsnachd gnothachais agus air beatha dhaoine - chan ann a-mhàin nar coimhearsnachdan, ach air feadh an t-saoghail.”