Home na meadhanan naidheachdan A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail a’ fosgladh togalach ùr Cholaiste Inbhir Nis UHI

A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail a’ fosgladh togalach ùr Cholaiste Inbhir Nis UHI

Dimàirt 3 Samhain 2015
A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail a’ fosgladh togalach ùr Cholaiste Inbhir Nis UHI

Dùghlas MacFhionghain

Fosglaidh A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, Seansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, togalach ùr Cholaiste Inbhir Nis UHI Dimàirt 17 Samhain. Bidh A h-Àirdeachd Rìoghail a’ toirt sgrìob timcheall an togalaich, as fhiach £50 millean, agus a’ taisbeanadh plàc.

An dèidh an fhosglaidh, cruinnichidh còrr is 400 aoigh a fhuair cuireadh aig a’ cholaiste airson Latha Stèidheachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Bidh an tachartas bliadhnail a’ comharrachadh oidhirpean is euchdan oileanaich, luchd-obrach is luchd-taice an oilthigh.

Bheir A h-Àirdeachd Rìoghail duaisean seachad agus bidh ceòl ann bhon chòmhlan oileanach, Tannara. Thig an tachartas gu crìoch le òraid le Dùghlas MacFhionghain, sgrìobhadair is stiùiriche a th’ air duaisean a bhuannachadh agus a tha aithnichte airson na h-obrach aige air sreathan telebhisean leithid Doctor Who, Sherlock agus Outlander agus air an fhilm The Flying Scotsman a thàinig a-mach ann an 2006.

Is e seo a’ chiad uair a chùm Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a Latha Stèidheachadh ann an Inbhir Nis. Chaidh an tachartas a chumail ann an Sealtainn an-uiridh agus anns a’ Ghearasdan ann an 2013.