Home na meadhanan naidheachdan Ceannard BBC ALBA a’ toirt seachad òraid shaor an asgaidh

Ceannard BBC ALBA a’ toirt seachad òraid shaor an asgaidh

Bheir ceannard BBC ALBA òraid shaor an asgaidh seachad air cleachdadh na Gàidhlig anns na meadhanan mar phàirt den fhèis Celtic Connections. Bruidhnidh Mairead Màiri Mhoireach, ceannard sheirbheisean aig BBC ALBA, mu bhuaidh nam meadhanan Gàidhlig, a’ gabhail a-steach rèidio, telebhisean agus solarachadh air-loidhne, air beatha chultarach na h-Alba agus luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh an t-saoghail. Gabhaidh an òraid àite aig prìomh oifisean BBC Scotland aig Cidhe a’ Chuain Shèimh ann an Glaschu an ath sheachdain.

Agus i a’ bruidhinn mun òraid, thuirt Mairead Màiri Mhoireach: “Tha mi air leth toilichte cuid de Celtic Connections a chur seachad mar aoigh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus beagan smaointean a cho-phàirteachadh air àite agus buaidh craoladh na Gàidhlig ann an Alba, an RA agus gu dearbh air feadh an t-saoghail. Tha BBC ALBA air a bhith soirbheachail a thaobh prògraman Gàidhlig a thoirt fa chomhair buidheann nas fharsainge de luchd-amhairc agus aire a tharraing do chànan is cultar na Gàidhlig. Bidh an sianal, a th’ air a lìbhrigeadh an com-pàirteachas ri MG ALBA, ag obair le lìonra de chom-pàirtichean a thoirt taic don fheadhainn a tha ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh a’ chànain. Bidh an tachartas cuideachd na fhìor dheagh chothrom a bhith a’ coinneachadh ri daoine a bhios a’ coimhead air na prògraman againn a chluinntinn nam beachdan a th’ aca air na seirbheisean a bhios sinn a’ solar air an telebhisean, an rèidio agus air-loidhne agus na leasachaidhean a bu toigh leotha faicinn san àm ri teachd.”  

Tha Mairead Màiri Mhoireach air a bhith an sàs ann an solarachadh Gàidhlig a’ BhBC fad cha mhòr 15 bliadhna. Chaidh a togail air Eilean Leòdhais agus rinn i ceum le urram ann an Eòlas Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu. Thòisich i ann an roinn na Gàidhlig aig BBC Scotland ann an 1988 agus bhon uair sin dh’obraich i mar rannsaiche, riochdaire, deasaiche agus preseantair, an-dràsta agus a-rithist, airson caochladh phrògraman telebhisean agus rèidio, a’ gabhail a-steach prògram chùisean an latha, Eòrpa. Bha dreuchdan aig Mairead Màiri mar àrd-riochdaire roinn na Gàidhlig aig BBC Scotland agus ceannard na Gàidhlig, mus deach a cur an dreuchd mar cheannard BBC ALBA ann an 2008.

Chaidh an òraid aig Mairead Màiri, “Gàidhlig agus na Meadhanan,” a chur air dòigh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a tha na chom-pàirtiche foghlaim ann an Celtic Connections. Bidh luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh an sàs ann an caochladh òraidean agus chuirmean-ciùil saor an asgaidh, nam measg deasbad air cànanan dùthchasach na h-Alba leis an neach-comadaidh, Susan Mhoireasdan, sa chathair.

Gabhaidh “Gàidhlig anns na meadhanan” àite eadar 7f agus 9f Diciadain 23 Faoilleach aig BBC Alba, Cidhe a’ Chuain Shèimh, Glaschu. Thèid an òraid a thoirt seachad anns a’ Ghàidhlig agus bidh eadar-theangachadh mar aon don Bheurla ri fhaotainn. Tha an tachartas seo saor an asgaidh ach tha feum air tiocaid. Gus àite a ghleidheil no airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air www.celticconnections.com


Neach-conaltraidh nam meadhanan
Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222
Post-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk

Filed under: