Home na meadhanan naidheachdan Am prògram foghlaim aig fèis a’ toirt fradharc air cultar Ceilteach

Am prògram foghlaim aig fèis a’ toirt fradharc air cultar Ceilteach

Dihaoine 10 Faoilleach
Am prògram foghlaim aig fèis a’ toirt fradharc air cultar Ceilteach

Julie Fowlis

Blog leis a’ cheòladair thraidiseanta ainmeil Julie Fowlis, fradharc air an fheum a nithear de dh’fheise is gnothaichean os-nàdarra ann am baileadan Albannach agus rannsachadh air ceanglaichean eachdraidheil eadar ceòl Albannach is Pòlainneach – chan eil an seo ach cuid de phrìomh phuingean prògram foghlaim Fhèis Celtic Connections am-bliadhna. Agus e na chom-pàirtiche san fhèis, tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an dèidh sreath de dh’òraidean mas-fhìor a chlàradh agus blog Celtic Connections a chur air bhonn anns a bheil teachdaireachdan o oileanaich, sgoilearan agus ceumnaichean.

Tha an t-sreath de dh’òraidean mas-fhìor aig an oilthigh a’ gabhail a-steach caochladh chuspairean Ceilteach. Bidh an t-Oll Angela Watt, òraidiche san Ionad airson Rannsachadh Lochlannach, a’ bruidhinn air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ann am film, agus an t-Àrd-ollamh Donna Heddle, stiùiriche an Ionaid, a’ toirt fradharc air an fheum a nithear de dh’fheise agus gnothaichean os-nàdarra ann am baileadan Albannach de leithid ‘Tam o’ Shanter’ le Raibeart Burns. Ann an òraid leis an Oll Andrew Jennings, a tha cuideachd às an Ionad airson Rannsachadh Lochlannach, thèid beachdachadh air creideasan dualchasach mu shìbhrichean.

Ann am blog an oilthigh mun fhèis, thèid innse don luchd-leughaidh co ris a tha e cosail do dh’oileanach a bhith a’ cluich san fhèis, leughaidh iad smuaintean na ban-sheinneadair Albannach, Julie Fowlis, a chluicheas iomadach inneal-ciùil, agus ionnsaichidh iad mu na ceanglaichean eachdraidheil a th’ ann eadar ceòl na h-Alba agus ceòl na Pòlainn.

Bidh an dà chuid an t-sreath de dh’òraidean mas-fhìor agus am blog ri am faotainn air làrach-lìn Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

A bharrachd air a bhith ann ann an cruth mas-fhìor, bidh oileanaich is luchd-obrach an oilthigh a’ gabhail pàirt ann am fèis na bliadhna seo le dà chuirm-chiùil bheò.

Bitear a’ dèanamh greadhnachais de na ceanglaichean ciùil eadar Alba agus Asturias, sgìre an ceann tuath na Spàinne, nuair a chluicheas an Simon Bradley Trio. Còmhla ris na fìdhlearan Simon Bradley agus Anna-Wendy Stevenson, stiùirichean prògraim aig àrainn Cholaisde a’ Chaisteil UHI ann am Beinn na Faoghla, agus an giotàraiche Matheu Watson, ceumnaiche aig a bheil cliù eadar-nàiseanta, bidh luchd-ciùil à Asturias sa chuirm-chiùil cho math ris an teanor dhuaisichte à Uibhist, Pòl MacCaluim. Is ann aig Leabharlann MhicMhìcheil a bhios iad a’ cluich o 8f Dihaoine 17 Faoilleach.

Bidh còrr is 60 oileanach o cheum ceòl gnìomhaichte an oilthigh cuideachd a’ dol air an àrd-ùrlar le pìosan ciùil nua-chruthaichte a chaidh a spreigeadh le eachdraidh, cultar is cruth-tìre Uibhist. Bidh seo a’ measgachadh ceòl gutha is innealan le òrain Ghàidhlig dhualchasach agus nuadh. Le oileanaich à Sgoil Chiùil is Dealbh-chluicheadaireachd Rìoghail na h-Alba ann cuideachd, thèid an cuirm-chiùil a chumail an Leabharlann MhicMhìcheil o 2f Disathairne 1 Gearran.

An àm a bith a’ bruidhinn mu na tha an t-oilthigh a’ cur ri fèis na bliadhna seo, thuirt stiùiriche Celtic Connections, Dòmhnall Seagha: “Tha sinn toilichte fàilte a chur air Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a-rithist mar chom-pàirtiche foghlaim do Celtic Connections ann an 2014. Tha foghlam aig cridhe is cuislean na fèise agus tha e mìorbhaileach mar sin gu bheil an t-oilthigh a’ cuideachadh le bhith a’ leudachadh a’ phrògraim fhoghlaim againn a thaobh nan daoine a ruigeas e agus na susbaint a th’ ann.”

Thuirt an t-Oll Crichton Lang, prionnsapal an gnìomh an oilthigh: “Tha sinn uamharra fhèin toilichte a bhith nar com-pàirtiche foghlaim aig Celtic Connections am-bliadhna a-rithist. Is e com-pàirteachas a th’ ann a nì mòran cèille leis gu bheil iomadh gin de na cùrsaichean is na toraidhean rannsachaidh againn a rèir thraidiseanan, cultar is dualchas na Gàidhealtachd agus nan Eilean.”

  • Tha an t-sreath de dh’òraidean mas-fhìor agus am blog airson Celtic Connections ri am faicinn air làrach-lìn Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig www.uhi.ac.uk/celtic-connections
  • Greadhnachas ceòl na h-Alba agus Asturias leis an Simon Bradley Trio – 8f Dihaoine 17 Faoilleach, Leabharlann MhicMhìcheil.
  • Cuirm-chiùil le oileanaich na Sgoile Ciùil is Dealbh-chluicheadaireachd Rìoghail agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – 2f Disathairne 1 Gearran, Leabharlann MhicMhìcheil.