Home na meadhanan naidheachdan Ciad thidsearan bun-sgoile a’ ceumnachadh bho chùrsa ùr air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan

Ciad thidsearan bun-sgoile a’ ceumnachadh bho chùrsa ùr air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan

Is iad 18 oileanaich na ciad cheumnaichean bhon dioplòma cheumnachaidh phroifeiseanta ann am foghlam (bun-sgoile) aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha an teisteanas ùr a’ leigeil le oileanaich an trèanadh aca a thoirt gu buil sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha roghainn aig oileanaich a tha fileanta sa Ghàidhlig an dioplòma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig agus a bhith ag obair ann am bun-sgoil Ghàidhlig.

Choinnich a’ chiad bhuidheann seo ri inbhe Chomhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba airson clàrachadh sealach agus faodaidh iad tòiseachadh air a’ bhliadhna phròbhaidh aca mar thidsearan ann am bun-sgoil ann an Alba.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair, cathraiche cùirt an oilthigh agus ceannard a bh’ ann air Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba, a choinnich ris na h-oileanaich aig a’ bhùth-obrach chòmhnaidheach mu dheireadh aca ann an Inbhir Nis: “Is e urram mòr a bh’ ann dhomh bruidhinn ris a’ bhuidheann shònraichte seo de thidsearan ùra leis gu bheil iad a’ riochdachadh clach-mìle eile airson Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.  Is iad na ciad thidsearan a cheumnaicheas bhon oilthigh bhon a chaidh a bharantachadh mar bhuidheann-sholarachaidh bharantaichte de dh’fhoghlam thidsearan an Alba.

“Tha a’ chiad cheum seo air leth cudromach do thidsearan a b’ urrainnear trèanadh air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus comas aca a-nis teisteanas PGDE a dhèanamh aig an oilthigh san sgìre aca fhèin. Is e mòmaid eachdraidheil a th’ ann an seo gu dearbh, chan ann a-mhàin don oilthigh ach do cheàird an teagaisg ann an Alba”.

Thathas a’ lìbhrigeadh a’ chùrsa aig Colaiste Inbhir Nis UHI, Colaiste Mhoireibh UHI, Colaiste Arcaibh UHI agus Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Steòrnabhagh.

Faodar iarrtasan a dhèanamh airson inntrigeadh san Lùnastal 2014 tro sheirbheis Clàr Trèanaidh nan Tidsearan Ceumnachaidh. Feumaidh fo-cheum iomchaidh agus eòlas air obair le clann a bhith aig tagraichean.

Thuirt Ian Minty, stiùiriche a’ phrògraim: “Bho Arcaibh dhan Ghearasdan agus bho Leòdhas gu Eilginn, tòisichidh na h-oileanaich seo anns na h-obraichean ùra aca san Lùnastal agus tòisichidh iad a bhith a’ toirt buaidh air na coimhearsnachdan ionadail aca. Is e àm air leth brosnachail a th’ ann airson tùs fhoghlam thidsearan air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan; agus anns na bliadhnaichean a tha romhainn dùblachaidh na h-àireamhan againn gu 40 oileanach, a’ gabhail a-steach sianar air slighe na Gàidhlig.”

Airson barrachd fiosrachaidh mun dioplòma cheumnachaidh phroifeiseanta ann am foghlam (bun-sgoile), tadhail air www.uhi.ac.uk/en/courses/pgde-primary-teaching no fòn loidhne chùrsaichean an oilthigh 0845 272 3600.

Filed under: ,