Home na meadhanan naidheachdan Deasbad shaor an asgaidh air ‘tùsan ar cànain’ aig Celtic Connections

Deasbad shaor an asgaidh air ‘tùsan ar cànain’ aig Celtic Connections

Deasbad shaor an asgaidh air ‘tùsan ar cànain’ aig Celtic Connections

Be there or haud yer wheesht!

Tha cuireadh ron fheadhainn a tha a' dèanamh air Celtic Connections na bliadhna-sa tighinn gu Tallaichean Baile Ghlaschu Diciadain (30 Faoilleach) airson Tùsan ar Cànain - còmhradh agus deasbad beothail mu thùsan chànanan dùthchasach na h-Alba, bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Leis an neach-chomadaidh Susan Mhoireasdan sa chathair, is e feasgar a tha seo anns am bi geur-labhairt is gliocas, le ceathrar sgoilearan cliùiteach: An t-Oll Donna Heddle, Stiùiriche an Ionaid airson Rannsachadh Lochlannach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an t-Àrd-Ollamh Rob Dunbar, Stiùiriche Shoillse (Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig), leis an Oll Cairistìona Robasdan, Stiùiriche nam Faclairean Albais agus J Derrick MacLiuthar, Àrd Òraidiche Urramach aig Oilthigh Obar Dheathain nan aoighean.

Thuirt an t-Oll Donna Heddle: "Tha dearbh-aithne chultarach dhùthchasach mheasgaichte aig Alba a tha gu mòr stèidhte air cànan." Tha an t-àm ann luach a chur air an dualchas cànain measgaichte a th' aig teis-mheadhan ar fèin-aithne. 'S ann anns an àm a dh'fhalbh tha sìlein an ama ri teachd, agus as aonais ar cànain, chan urrainn dhuinn bruidhinn dhuinn fhèin. Tha mi a' dèanamh fiughar ri bhith a' gabhail pàirt ann an còmhradh le co-obraichean cho cliùiteach agus beothail aig am bi mòran ri ràdh air a' chuspair tharraingich seo!"

Tha an deasbad 'Tùsan ar Cànain' am measg àireamh de thachartasan saor an asgaidh aig Celtic Connections air an cur air dòigh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a tha na chom-pàirtiche foghlaim leis an fhèis. Bidh luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh an sàs ann an caochladh òraidean agus chùiream ciùil. Airson barrachd fiosrachaidh, theirig don làraich-lìn againn.

Thug Susan Mhoireasdan rabhadh don fheadhainn a tha dealasach air cànanan gun a bhith a chall: "Be there or haud yer wheesht!"

Gabhaidh 'Tùsan ar Cànain' àite eadar 7f agus 9f Diciadain 30mh Faoilleach ann an Tallaichean Baile Ghlaschu.Tha an tachartas seo saor an asgaidh ach tha feum air tiocaid. Gus àite a ghleidheil no airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air www.celticconnections.com

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Alison Lochhead
Manaidsear conaltraidh is dhàimhean a-muigh
Fòn: 01463 279222
Post-d: alison.lochhead@uhi.ac.uk

Filed under: