Home na meadhanan naidheachdan Òraid shaor an asgaidh air buaidh cnàmhadh mara

Òraid shaor an asgaidh air buaidh cnàmhadh mara

Thathas a’ call cuid de na làraichean arc-eòlach as cudromaiche ann an Alba le cnàmhadh mara. Is e seo cuspair òraid shaor an asgaidh aig àm lòin ann an Glaschu an t-seachdain seo mar phàirt den Fhèis Celtic Connections.

Bruidhnidh Julie Gibson bho roinn arc-eòlais Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean mun chùis, is i a’ gabhail Arcaibh mar eisimpleir, far a bheil an treas cuid de na làraichean aithnichte ann an cunnart cron bhon mhuir, no ga fhulang an-dràsta. Cuiridh a’ Bh-Uas Gibson, a tha cuideachd na h-arc-eòlaiche coimhearsnachd ann an Arcaibh, crìoch air an òraid aice le bhith a’ coimhead air na cothroman a th’ ann a bhith a’ cumail nan làraichean seo sàbhailte, gus dualchas cultarach na h-Alba a dhìon, agus a chur ris an eaconamaidh againn.

Agus i a’ bruidhinn mun chunnart, thuirt a’ Bh-Uas Gibson: “Is ann aig Alba a tha an t-iomall-fairge as fhaide san Roinn-Eòrpa, agus mar nàisean cuantach, tha mòran den dualchas againn a’ buntainn ris a’ mhuir.

“Mu thimcheall Arcaibh, tha còrr is mìle làrach arc-eòlach ann an cunnart bhon mhuir, no a’ fulang cron mar-thà. Tha baile Skara Brae o linn na cloiche, a tha 5,000 bliadhna a dh’aois, an eisimeil balla mara a dh’fheumas obair chunbhalach dha chumail suas, chaill làrach mheadhan-aoiseach Langskaill ann an Westray 5 meatairean mar chòmhla bliadhna no dhà air ais agus chaidh làrach a bh’ aig na Cruithnich air Lamb Holm o bhith na togalach so-fhaicsinneach gu bhith na loidhne de thobhtaichean.

“Chan e a-mhàin gu bheil sinn a’ call fiosrachadh luachmhor mun àm a dh’fhalbh leis a’ chnàmhadh a tha seo, ach gum faod e cron a dhèanamh air eaconamaidh na h-Alba san àm ri teachd agus bith-beò dhaoine ann an àitean iomallach agus dùthchail. Ma gheibh na làraichean seo airgead-seilbh freagarrach, faodaidh gun tèid amas air nithean annta agus gun tèid ùidh nam meadhanan a thogail, rud a tharraingeas luchd-tadhail às gach ceàrn.”

Cho math ris an òraid aig a’ Bh-Uas Gibson, “An làn ag èirigh: Atharrachadh na gnàth-shìde agus mar a tha dualchas na h-oirthire againn a’ dol air chall” bidh ceòl ann bho oileanaich a’ chùrsa BA ann an ceòl gnìomhaichte aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Is e an òraid aon de àireamh de thachartasan saor an asgaidh ri a chur air dòigh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a tha na chom-pàirtiche foghlaim leis an fhèis. Bidh luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh an sàs ann an caochladh òraidean agus chùiream ciùil, nam measg deasbad air cànanan dùthchasach na h-Alba leis an neach-chomadaidh, Susan Mhoireasdan, sa chathair.

Gabhaidh “An làn ag èirigh: Atharrachadh na gnàth-shìde agus mar a tha dualchas na h-oirthire againn a’ dol air chall” àite eadar 12:30f agus 1:30f Diardaoin 31 Faoilleach ann an Stiùideo 1, Tallaichean Baile Ghlaschu.Tha an tachartas seo saor an asgaidh ach tha feum air tiocaid. Gus àite a ghleidheil no airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air www.celticconnections.com

Neach-conaltraidh nam meadhanan
Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222
Post-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk