Home na meadhanan naidheachdan Eòlaichean a’ toirt seachad òraid shaor an asgaidh air sgrìobhadh agus foillseachadh na Gàidhlig

Eòlaichean a’ toirt seachad òraid shaor an asgaidh air sgrìobhadh agus foillseachadh na Gàidhlig

07 Ògmhios 2013
Eòlaichean a’ toirt seachad òraid shaor an asgaidh air sgrìobhadh agus foillseachadh na Gàidhlig

Catrìona Lexy Chaimbeul

Bidh sgrìobhadair Gàidhlig ainmeil agus stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean a’ toirt seachad òraid shaor an asgaidh air sgrìobhadh agus foillseachadh na Gàidhlig ann am Beinn na Faoghla air a’ mhìos seo.

Bidh Catrìona Lexy Chaimbeul, sgrìobhadair nobhailean agus bàrd foillsichte à Leòdhas, agus Rosemary Ward bho Chomhairle nan Leabhraichean a’ sgrùdadh nan dùbhlanan agus nan cothroman a tha an lùib sgrìobhadh agus foillseachadh sa Ghàidhlig. Am measg nan cuspairean bidh tòiseachadh air leabhar a sgrìobhadh, mar a chuireas tu fios a dh’ionnsaigh fhoillsichearan, am pròiseas foillseachaidh agus leasachaidhean didseatach.

Is i an òraid seo, a thèid a thoirt seachad aig Sgoil Lionacleit ann am Beinn na Faoghla, nas fhaide air adhart air a’ mhìos seo, an tè mu dheireadh ann an sreath de dh’òraidean Gàidhlig saor an asgaidh a tha a’ dol am-bliadhna. Agus e air a chur air dòigh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tha an sreath a’ comharrachadh ceann-bliadhna daoimein Cholaisde a’ Chaisteil UHI, a tha na chom-pàirtiche anns an oilthigh.

Tha na h-òraidean, a tha stèidhte air a' chuspair Gàidhlig ann am beatha an latha an-diugh, ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig fighte fuaighte ann an cultar is fèin-aithne na h-Alba. Bhruidhinn Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard BBC ALBA, mun Ghàidhlig anns na meadhanan ann an Glaschu na bu tràithe air a’ bhliadhna seo, agus bha òraid air a' Ghàidhlig ann am foghlam ann an Steòrnabhagh anns a’ Chèitean.

Tha na h-òraidean cuideachd a’ buntainn ri cùrsaichean a th’ air an tabhann leis an oilthigh, a’ gabhail a-steach cheumannan ann an cànan is cultar na Gàidhlig; Gàidhlig le foghlam; Gàidhlig agus leasachadh agus teisteanas àrd-fhoghlaim ann an Gàidhlig agus conaltradh. Tha na cùrsaichean seo uile air an tabhann tro Cholaisde a’ Chaisteil UHI agus tro Shabhal Mòr Ostaig UHI, far a bheil Catrìona Lexy Chaimbeul an-dràsta na sgrìobhadair air mhuinntireas.

Agus i a’ bruidhinn mun òraid, thuirt Catrìona Lexy Chaimbeul: “Tron obair agam le Sabhal Mòr Ostaig UHI, tha tòrr chothroman air a bhith agam coinneachadh ri daoine aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig agus tha mi glè thoilichte a bhith a’ gabhail pàirt anns a’ phròiseact seo agus a’ togail air seo. Tha mi cinnteach gur e latha mìorbhaileach a bhios ann.”

Thuirt Rosemary Ward: “Tha mi air leth toilichte gun deach iarraidh orm pàirt a ghabhail anns an t-sreath chudromach seo de dh’òraidean a tha a’ tarraing aire air na chuir na meadhanan, foghlam agus litreachas is foillseachadh ri ath-bheothachadh na Gàidhlig. Tha mi gu sònraichte toilichte gun d’fhuair mi cuireadh an òraid a thoirt seachad ann am Beinn na Faoghla leis gun d’fhuair mi fhèin m’ àrach is m' fhoghlam ann an Uibhist a Deas.

“Tha Comhairle nan Leabhraichean dealasach gum bi barrachd fhoillseachaidhean Gàidhlig ann, agus gun tèid an fharsaingeachd a th' ann dhiubh a leudachadh agus an inbhe a thogail; ’s e fòcas ar ro-innleachd leasachaidh taic a thoirt do dh’ùghdaran, deasaichearan agus foillsichearan a bhith a' cur a-mach leabhraichean ùra, togarrach sa Ghàidhlig a bhios soilleir ri an tuigsinn. Tha an leudachadh ann an leasachaidhean didseatach a’ toirt dhùbhlanan agus chothroman dhuinn anns na h-oidhirpean againn freagairt a thoirt air iarrtasan an luchd-leughaidh litreachas na Gàidhlig a bhith ri fhaotainn dhaibh ann am farsaingeachd de chruthan.

Chuir Seumas Friseal, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthigh fàilte air an òraid, agus e ag ràdh: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Rosemary Ward agus Catrìona Lexy Chaimbeul a’ bruidhinn mu sgrìobhadh agus foillseachadh na Gàidhlig mar phàirt den t-sreath seo de dh'òraidean agus gur ann ann am Beinn na Faoghla a tha iad a' dèanamh seo. Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean sgapte air feadh sgìre na Gàidhealtachd agus, tro Cholaisde a’ Chaisteil UHI, bidh e a’ tabhann àireamh de phrògraman cudromach ann an ceòl agus ealain ann an Uibhist agus Beinn na Faoghla. Leis an òraid seo a bhith air a cur ris na gnìomhachdan eile againn, tha e soilleir ri fhaicinn cho dealasach is a tha sinn a thaobh na sgìre againn air fad.”

Thèid an òraid mu sgrìobhadh agus foillseachadh na Gàidhlig a thoirt seachad eadar 7f agus 9f Diciadain 19 Ògmhios aig Sgoil Lionacleit ann am Beinn na Faoghla.Is ann anns a' Ghàidhlig a bhios an òraid agus bidh eadar-theangachadh mar-aon don Bheurla ri fhaotainn tro fònaichean-cluaise. A ghleidheil àite SAOR AN ASGAIDH, cuir fios a dh’ionnsaigh sgioba thachartasan an oilthigh air 01463 279 344 no aig events@uhi.ac.uk

Airson barrachd fiosrachaidh mu shreath òraidean an oilthigh no mu chùrsaichean Gàidhlig, tadhail air www.uhi.ac.uk