Home na meadhanan naidheachdan Seirbheis eadar-theangachaidh ùr-ghnàthach air a cur air bhog

Seirbheis eadar-theangachaidh ùr-ghnàthach air a cur air bhog

21 Samhain 2012
Seirbheis eadar-theangachaidh ùr-ghnàthach air a cur air bhog

Chuidich Ruairidh MacAoidh, neach-leasachaidh seirbheis teicneòlais Gàidhlig an oilthigh, a bhith a’ cruthachadh na seirbheis eadar-theangachaidh ùire.

 

Thathas a’ cur seirbheis ùr-ghnàthach air bhog an-diugh (Diciadain 21 Samhain) a chuidicheas daoine a tha an sàs ann an obair eadar-theangachaidh Ghàidhlig. Is e amas TòMaS, a’ chiad sheirbeis cuimhne eadar-theanghachaidh a bh’ ann riamh airson na Gàidhlig, a bhith a’ dèanamh a’ phròiseis eadar-theangachaidh nas luaithe agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi co-chòrdalachd ann eadar teacsaichean.

Tha an t-seirbheis stèidhte air bathar-bog a bhios ag obair car coltach ri fòn-làimhe, nuair a ruigeas e faclan ùra agus thu a’ sgrìobhadh teacsa. Bidh am prògram a’ gleidheil teacsa a chaidh eadar-theangachadh mar-thà gus an urrainn dha eadar-theangachaidhean ullamh a mholadh nuair a thèid pìosan ùra a luchdachadh suas. Le bhith a’ brosnachadh àireamh de dhaoine agus bhuidhnean feum a chur air a’ bhathar-bhog, bidh an stòras aige de stuthan eadar-theangaichte a’ fàs, agus fàsaidh èifeachdas na seirbheise.

Bidh TòMaS feumail don dà chuid eadar-theangairean a th’ air am fastadh le buidheann agus don fheadhainn a bhios ag obair air an cinn fhèin, cho math ris na companaidhean a bhios a’ cur feum orra. Am measg nan companaidhean a dh’aontaich feum a chur air mar-thà tha Pàrlamaid na h-Alba, Coimisean na Coilltearachd, NHS na Gàidhealtachd, Dualchas Nàdar na h-Alba agus Stòrlann, buidheann a bhios a’ cruthachadh agus a’ sgaoileadh ghoireasan curraicealaim sa Ghàidhlig.

Chaidh TòMaS a chruthachadh le roinn sheirbheisean ionnsachaidh is fiosrachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Agus e air a’ chiad bhuidhinn àrd-fhoghlaim an Alba a chruthaich agus a ghnìomhaich Plana Gàidhlig, tha an t-oilthigh dealasach a bhith a’ conaltradh san dà chànan agus bidh e ag eadar-theangachadh bho Bheurla gu Gàidhlig gu cunbhalach. B’ e an dùil a bh’ aig an luchd-obrach sa chiad dol a-mach an t-seirbheis a chruthachadh gus dèanamh cinnteach gum biodh eadar-theangaichean co-chòrdail ri chèile feadh a chom-pàirteachais de thrì-deug colaistean agus ionadan rannsachaidh speisealta, ach cha robh e fada mus faca iad gum biodh e comasach an t-seirbheis a thairgsinn do dhaoine eile.

Thuirt Ruairidh MacAoidh, neach-leasachaidh na seirbheis theicneòlais Ghàidhlig, agus e a’ mìneachadh nan adhbharan a bh’ aig an oilthigh air an t-seirbheis a chur air bhog: “Le buidhnean a bhith a’ cur nam planaichean Gàidhlig aca an gnìomh agus leis an leudachadh ris a bheilear an dùil an lùib seo a thaobh fhoillseachaidhean Gàidhlig, dh’fhairich UHI gun robh cothrom ann buidhnean agus eadar-theangairean a thoirt còmhla agus modh-obrach lìonraichte a chruthachadh airson phròiseasan eadar-theangachaidh. Bidh stuth a chaidh eadar-theangachadh mar-thà ri fhaotainn do chom-pàirtichean san t-seirbheis, rud a chuidicheas iad a thaobh co-chòrdalachd agus a shàbhaileas ùine dhaibh. Gabhaidh barrachd stuthan Gàidhlig cruthachadh taobh a-staigh na buidhne leis an airgead a bhios seo a’ sàbhaladh.”

Sholair Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig tabhartasan airson stèidheachadh TòMaS agus thathas an dòchas gum bi an t-seirbheis fèin-sheasmhach ri ùine.

Agus e a’ bruidhinn mun ghoireas, thuirt Daibhidh Boag, leasaiche cànain Gàidhlig le Bòrd na Gàidhlig: “Gun teagamh cuiridh am pròiseact TòMaS gu mòr ri co-chòrdalachd agus èifeachdas obair eadar-theangachaidh na Gàidhlig a th’ air a gabhail os làimh le ùghdarrasan poblach na h-Alba, agus, mar thoradh air seo, bidh seirbheis nas fheàrr ann don mhòr-shluagh.

“Tha cruthachadh ghoireasan leithid TòMaS ann an co-chòrdadh ris na prìomhachasan leasachaidh a tha air an leigeil ris ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17 agus tha seo a’ sealltainn an àite chudromaich aig teicneòlas ùr ann a bhith agus a’ toirt taic ri cleachdadh làitheil agus faicsinneachd na Gàidhlig agus a’ cur fàs air.”

Tha HIE a’ cur £30,000 ri cruthachadh na seirbheise. Thuirt Niall Ros, ceannard fàs choimhearsnachdan aig HIE: “Tha TòMaS a’ toirt cothrom a dhèanamh gum bi barrachd co-chòrdalachd ann an an eadar-theangachadh agus gum bi e nas fheàrr, cho math ri bhith a’ cur ris a’ mheud de dh’obair a ghabhas dèanamh agus a’ lùghdachadh chosgaisean eadar-theangachaidh. Mar thoradh air seo, bidh a’ chomasachd ann barrachd stuth a chur a-mach sa Ghàidhlig. Tha HIE airson gum faicear an t-seirbhis-lìn seo a’ tighinn na modail malairteach gu luath, a’ leigeil le fo-sgrìobhadairean agus eadar-theangairean a bhith a’ cur rithe agus a’ faighinn buannachd aiste, fiù ’s às na coimhearsnachdan as iomallaiche againn.”

Faodaidh tu barrachd fhaighinn a-mach mun t-seirbheis seo aig www.uhi.ac.uk/tomas no le bhith a’ cur fios gu Ruairidh MacAoidh air 01463 279341 no aig ruairidh.mackay@uhi.ac.uk

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
f: 01463 279222
pd: susan.szymborski@uhi.ac.uk