Home na meadhanan naidheachdan Danns’ an Eilein ann an Glaschu

Danns’ an Eilein ann an Glaschu

1 Gearran 2013
Danns’ an Eilein ann an Glaschu

Na dannsairean Frank MacDhòmhnaill agus Sandra Robasdan aig a’ chuirm-chiùil aig Cèolas aig Celtic Connections 2012

 

Tha muinntir Ghlaschu a’ faighinn cuireadh do dhanns’ an eilein Disathairne 2 Gearran aig Celtic Connections 2013. Cluichidh luchd-ciùil agus dannsairean tàlantach a bhuineas do dh’Uibhist farsaingeachd de phuirt dannsa, a’ gabhail a-steach ruidhlean, cuadrailean agus seataichean à Ceap Breatainn.

Chaidh an tachartas, air a bheil Danns’ an Eilein, a chur air dòigh le Ceòlas, sgoil shamhraidh chiùil agus dannsa agus pròiseact ealain, stèidhte ann an Uibhist, mar phàirt den fhèis Celtic Connections. Bidh àireamh de luchd-ciùil ainmeil agus aoighean sònraichte a’ gabhail pàirt ann, nam measg Kathleen NicAonghais, Allan MacEanraig, Kilphedar Sound, Frank MacDhòmhnaill agus Dawn Pheutan.

Bidh an dannsair air muinntearas aig Ceòlas, Rosalind Masson, cuideachd a’ nochdadh, le ceòl bho oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha air an suidheachadh aig àrainn de Cholaisde a’ Chaisteil UHI ann am Beinn na Faoghla.

Tha Danns’ an Eilein a’ tighinn às dèidh cuirm-ciùil aig Ceòlas aig Celtic Connections 2012 nuair a chaidh a h-uile tiocaid a reic. Bidh e a’ gabhail àite bho 8f Disathairne 2 Gearran aig  Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, Glaschu. Tha tiocaidean £12. Gus àite a ghleidheil no airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air www.celticconnections.com


Am measg an luchd-ciùil bidh:

Kathleen NicAonghais à Uibhist a Deas
Allan MacEanraig à Malaig
Kilphedar Sound à Uibhist a Deas
Dawn Pheutan à Ceap Breatainn
Frank MacDhòmhnaill à Drochaid a' Bhanna
Fin Moore à Dùn Chailleann
Sarah Hoy à Dùn Chailleann


Oileanaich bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean:

Dàibhidh Provan à Ceann Loch Gilb - a’ phìob
Seumas Dòmhnallach à Tiriodh - fidheall
Graeme Platman à Calasraid - giotàr agus mandolin
Amy NicAmhlaigh à Uibhist a Deas - fidheall
Sophie Stephenson à Cille Chuimein - fìdeag, giotàr agus fidheall
Mairi C M NicAonghais à Beinn na Faoghla - giotàr, seinn agus faram

Luchd-conaltraidh nam meadhanan:

Ceòlas
p-d: info@ceolas.co.uk
l: www.ceolas.co.uk

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
f: 01463 279222
p-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk