Home na meadhanan naidheachdan Julie Fowlis air a h-ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Julie Fowlis air a h-ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Is i Julie Fowlis, seinneadair agus neach-ciùil Albannach, Alumnus na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Bithear a’ toirt seachad Julie Fowlisna duais gach bliadhna do dh’oileanach a bh’ ann airson sheirbheisean don choimhearsnachd, euchdan anns na h-ealain no na saidheansan, ann an gnothachas, sa bheatha phoblaich no sa bheatha acadaimigich.

Cheumnaich Julie, a tha 35 bliadhna a dh’aois, bhon oilthigh ann an 2011 le MA ann an cultar dùthchasach agus an àrainneachd. Agus i air a togail ann an Uibhist a Tuath, tha Julie air a bhith a’ togail bratach ceòl agus dualchas na Gàidhlig fad rèis-obrach aonair anns an do choisinn i iomadh duais, anns an robh i a’ seinn air feadh an t-saoghail agus anns an do rinn i trì clàran stiùidio air leth soirbheachail.

Fhuair Julie an duais aice bho sheansalair an oilthigh, A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, aig Latha Stèidheachaidh na buidhne. Chaidh an tachartas, a chomharraich euchdan a luchd-obrach, oileanaich agus luchd-taice, a chumail ann an Ionad Nibheis, an Gearasdan an-diugh (Dimàirt 26 Samhain). Bha còrr is 250 neach ann.Paul Lawrie

Thug an t-oilthigh ceithear caidreachais urramach seachad aig an deas-ghnàth. Is iad an goilfear Paul Lawrie OBE agus an dealbhadair aodaich Sandra Mhoireach MBE dithis a fhuair caidreachas.

Bhuannaich an cluicheadair goilf Albannach Paul Lawrie Farpais Fhosgailte Bhreatainn aig Cathair na Fheusta ann an 1999, bha e a’ cluich ann an dà Chuaich Ryder agus bhuannaich e ochd farpaisean air a’ Chuairt Eòrpaich. Tha ùidh mhòr aig Mgr Lawrie ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ cur taic ri goilfearan òga agus chaidh duais OBE a bhuileachadh air ann an 2013 airson na seirbheis saor-thoilich a tha e air a thoirt do ghoilf.

Tha cliù eadar-nàiseanta aig Sandra Mhoireach mar dhealbhadair aodaich agus tha i stèidhte ann an Inbhir Nis. Rugadh i air Eilean Leodhais agus is e a dùthchasachd eileanach as deachdadh don dealbhachadh ùr-nòsach aice. Chaidh a fastadh le A Mòrachd a’ Bhanrigh gus aodach a dhealbhadh dhi airson a chur oirre aig fosgladh Phàrlamaid na h-Alba agus chaidh MBE a bhuileachadh oirre airson a seirbheis do dh’fhasan agus do dh’obair-aodaich na h-Alba ann an 2009.

Dh’ainmichear an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair CBE,cathraiche Chùirt an Oilthigh a tha a’ fàgail, agus Jack Watson, cathraiche Urras Leasachaidh Sandra MurrayOilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, mar luchd-caidreachais urramach cuideachd.

Chaidh ciad Bhonn an t-Seansalair a thoirt do Sheumas Friseal, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthigh. Tha an duais, air a bheil ainm-sgrìobhte A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, ag aithneachadh daoine a thug seirbheis air leth don oilthigh. Leigidh Mgr Friseal a dhreuchd dheth anns an Dùbhlachd às dèidh aon bliadhna deug de sheirbheis agus rèis-obrach de chòrr is 40 bliadhna ann am foghlam.

Chaidh Allan Bransbury a dhèanamh Maighstir urramach an Oilthigh airson seirbheis air leth. Bha Mgr Bransbury na bhall de sgioba glè bheag air an deach iarraidh beachd-smuain a thoirt air adhart airson oilthigh a stèidheachadh anns an sgìre ann an 1992. Bha e an uair sin na mhanaidsear sheirbheisean corporra aig a’ bhuidheann.

Agus i a’ bruidhinn mun duais aice, thuirt Julie Fowlis: “Is e urram mòr a th’ ann dhomh gun deach m’ ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna. Bha mi gu math pròiseil a bhith am measg ciad cheumnaichean Oilthigh ùr na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 2011 agus, tron obair leantainneachd agam mar neach-ealain air muinntireas leis a’ phròiseact tasglainn didseatach Tobar an Dualchais, a tha stèidhte aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, tha e a’ còrdadh rium na ceanglaichean sin a chumail suas leis an oilthigh.”

Thuirt Paul: “Tha mi taingeil don oilthigh airson nan euchdan agam anns a’ gheama aithneachadh, cho math ris an obair agam leis an Stèidheachd agam. Is e urram mòr a bh’ann dhomh a bhith pàirt den latha sònraichte seo cuide ris an fheadhainn eile a bhuannaich duaisean a th’ air a bhith air leth soirbheachail anns na raointean aca fhèin.”

Thuirt Sandra Mhoireach: “An toiseach, chuir an duais seo iongnadh mòr orm. An uair sin chuimnich mi am pìos bàrdachd Gàidhlig mìorbhaileach le Colin Masterton às a’ Phloc, air a bheil ‘Cò Mi?’ a tha mu dheidhinn Alba a’ bruidhinn rithe fhèin. Tha na faclan a’ toirt tuairisgeul air neach-ealain sam bith air a’ Ghàidhealtachd an-diugh agus na dùbhlain a tha romhpa, gu sònraichte air Gàidhealtachd iomallach na h-Alba, a’ ceasnachadh a bheil fhios aig daoine ionadail gu bheil iad ann. Tha seo a’ dearbhadh gu bheil iad mothachail agus nach e aithneachadh a-mhàin a th’ ann an caidreachais, ach nas cudromaiche, brosnachadh. Chan eil mi eòlach air duine sam bith nach eil dèidheil air moladh bho àm gu àm!”

Às dèidh deas-ghnàth an Latha Stèidheachaidh bha Òraid Bhliadhnail an oilthigh, air a thoirt seachad am-bliadhna-sa le Rìseard Balharry MBE.

CRÌOCH

Notes to Editors

More photos will be available after the event

Contact

Susan Szymborski

University of the Highlands and Islands

Office:  01463 279222

Email:  susan.szymborski@uhi.ac.uk

Filed under: