Home na meadhanan naidheachdan Ceannardan foghlaim a’ toirt seachad òraid shaor an asgaidh air Gàidhlig ann am foghlam

Ceannardan foghlaim a’ toirt seachad òraid shaor an asgaidh air Gàidhlig ann am foghlam

Diardaoin 2 Cèitean 2013
Ceannardan foghlaim a’ toirt seachad òraid shaor an asgaidh air Gàidhlig ann am foghlam

Iain Mac a’ Mhaoilein

 

Bheir ceannardan dà ionad foghlaim nan Eilean Siar òraid shaor an asgaidh seachad air Gàidhlig ann am foghlam.

Bruidhnidh reachdair Sgoil MhicNeacail, an t-Oll Frances Mhoireach, agus Prionnsapal Cholaisde a’ Chaisteil UHI, Iain Mac a’ Mhaoilein mu na dùbhlain agus na cothroman a tha ceangailte ri Gàidhlig ann am foghlam. Am measg nan cuspairean bidh buaidh a’ churraicealaim airson sàr-mhathais agus obair leis a’ choimhearsnachd agus ann an com-pàirteachasan.

Tha an òraid, a thèid a thoirt seachad aig Sgoil MhicNeacail nas fhaide air adhart air a’ mhìos seo, na phàirt de shreath de dh’òraidean Gàidhlig saor an asgaidh a bhios a’ gabhail àite am-bliadhna. Agus e air a chur air dòigh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tha an sreath a’ comharrachadh ceann-bliadhna daoimein Cholaisde a’ Chaisteil UHI, a tha na chom-pàirtiche anns an oilthigh.

Agus iad stèidhte air a’ chuspair Gàidhlig ann am beatha an latha an-diugh, tha na h-òraidean ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig na cuid ro chudromach de chultar is fèin-aithne na h-Alba. Bhruidhinn Margaret Mary Murray, Ceannard BBC ALBA, mu Ghàidhlig anns na meadhanan ann an Glaschu na bu tràithe air a’ bhliadhna seo agus bidh òraid air Gàidhlig agus foillseachadh ann am Beinn na Faoghla anns an Ògmhios.

Tha an òraid cuideachd a’ buntainn ri cùrsaichean a th’ air an tabhann leis an oilthigh, a’ gabhail a-steach cheumannan ann an cànan is cultar na Gàidhlig; Gàidhlig le foghlam; Gàidhlig agus leasachadh agus teisteanas àrd-fhoghlaim ann an Gàidhlig agus conaltradh. Tha na cùrsaichean uile seo air an tabhann tro Cholaisde a’ Chaisteil UHI.

Agus e a’ soilleireachadh aon de na raointean a bhruidhneas e mu dheidhinn san òraid, thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein:“Tha sinn air a bhith gu math soirbheachail a thaobh a bhith a’ dol an sàs le luchd-ionnsachaidh a thaobh togail cànain, ach chan eil sinn cho soirbheachail a thaobh a bhith a’ dol an sàs leis an fheadhainn a chaidh a thogail ann an taighean far an deach Gàidhlig a bhruidhinn no coimhearsnachdan a thaobh na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh airson cleachdadh làitheil. Tha daoine coltach rium fhèin gu tric mì-chomhfhurtail nuair a bhruidhneas iad ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a leasaich, tha e coltach, briathrachas nas fharsaing agus gràmar ceart, mar thoradh air an ionnsachadh a rinn iad. Feumaidh sinn feabhas a thoirt air ar misneachd agus ar deòntachd a bhith a’ cleachdadh a’ chànain ma tha e gu bhith a’ soirbheachadh anns na coimhearsnachdan againn.”

Thuirt an t-Oll Frances Mhoireach: “A dhèanamh cinnteach gun daingnich sinn na leasachaidhean a chaidh a dhèanamh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus mus urrainn dhuinn coimhead ri leasachaidhean a bharrachd, feumaidh sinn a bhith gu math soilleir a thaobh nan dùbhlain a tha romhainn.”

Chuir Seumas Friseal, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthigh fàilte air an òraid, agus e ag ràdh: “Tha sinn gu math toilichte gu bheil an t-Oll Frances Mhoireach agus Iain Mac a’ Mhaoilein a’ bruidhinn mar phàirt den shreath òraidean. Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean sgapte air feadh sgìre na Gàidhealtachd agus ’s e an t-amas againn a bhith aig teis-meadhan gleidheadh agus ath-bheothachadh na Gàidhlig. Tha Colaisde a' Chaisteil UHI deatamach do dhealas an oilthigh airson na Gàidhlig agus do ar mòr-mhiannan air a shon.

Gabhaidh an òraid Gàidhlig ann am Foghlam àite eadar 7f agus 9f Diardaoin 16 Cèitean aig Sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh.Thèid pàirtean den òraid a thoirt seachad sa Ghàidhlig agus bidh eadar-theangachadh ri fhaotainn don Bheurla tro fhònaichean-cluaise. A ghleidheil àite SHAOR AN ASGAIDH, cuir fios a dh’ionnsaigh sgioba thachartasan an oilthigh air 01463 279 344 no aig events@uhi.ac.uk

Airson barrachd fiosrachaidh mu shreath òraidean an oilthigh no mu chùrsaichean Gàidhlig, tadhail air www.uhi.ac.uk

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222
Post-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk