Home na meadhanan naidheachdan Eòlaiche-fiosaig mara air a thaghadh mar reachdair oilthigh

Eòlaiche-fiosaig mara air a thaghadh mar reachdair oilthigh

Eòlaiche-fiosaig mara air a thaghadh mar reachdair oilthigh

Anton Edwards

Thathas air Anton Edwards, a bhios gu h-èasgaidh a’ toirt taic do luach an fhoghlaim ann a bhith a’ brosnachadh sgilean, misneachd agus smaoineachadh neo-eisimeileach, a thaghadh mar an còigeamh reachdair air Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.   Tha Anton a’ tighinn an àite Garry Coutts, a thug suas an dreuchd a dhol na bhall de chùirt an oilthigh.

Eu-coltach ris a’ mhòr-chuid de dh’oilthighean traidiseanta, is e an reachdair cathraiche air buidheann ris an canar an stèidheachd. Tha an stèidheachd na bhuidheann chudromach taobh a-staigh bun-reachd Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus tha buill a’ tabhann ceangal luachmhor eadar an oilthigh agus na coimhearsnachdan againn. Am measg nam ball tha riochdairean bho ghnothachas, ar coimhearsnachdan, buidhnean poblach, alumni, oileanaich, agus luchd-obrach.

Thuirt Anton, a tha a’ fuireach anns a’ Cheapaich faisg air Dùn Chailleann, agus a th’ air a bhith na bhall den stèidheachd agus cùirt an oilthigh fad trì bliadhna: “Bu chòir dha bhith comasach do dh’oileanaich beatha iomlan a leantainn anns an sgìre aca fhèin, a’ faighinn cothrom air foghlam treas ìre agus, cuideachd, buannachd à buaidhean bhon taobh a-muigh. Ann an amannan brosnachail, chaidh inbhe oilthigh, a bhathas ag iarraidh fad ùine mhòr, a choisinn. Tha mi mothachail air an fheum a th’ ann air cothromachadh eadar an t-aonachd riochdachaidh againn mar ionad agus cumail suas na h-iomadachd cruthachail ionadail aig com-pàirtichean acadaimigeach. Tha againn cuideachd ri cothromachadh fhaighinn eadar ar n-amasan airson àrd-fhoghlaim agus cudromachd foghlam adhartaich, agus eadar feumalachdan nan oileanach agus riatanasan ionmhais.  Cumaidh mi orm seo a dhèanamh.

“Feumaidh sinn ceanglaichean a tha fiù ’s nas treasa a thogail leis na com-pàirtichean ionadail againn gus an urrainn dhuinn na coimhearsnachdan againn a riochdachadh nas fheàrr. Agus bu chòir dhuinn uile putadh airson cumhachdan buileachaidh cheuman rannsachaidh a tha deatamach don inbhe againn mar oilthigh.”

Thuirt an t-Oll Crichton Lang, prionnsapal agus iar-sheansalair an gnìomh: “Tha sinn air leth toilichte gun deach Anton a thaghadh a bhith na reachdair againn fad trì bliadhna leis gun toir e sgilean, dìoghras mòr agus dealas don obair.

“Tha dreuchd an reachdair eu-coltach ris an aon dreuchd aig oilthighean eile ann an Alba. Tha an reachdair againn air a thaghadh le buill den stèidheachd. Is e a th’ anns an stèidheachd an ceangal againn ris na caochladh choimhearsnachdan air am bi sinn a’ frithealadh anns an sgìre shònraichte agus eadar-mheasgte anns a bheil sinn a’ fuireach. Is e an reachdair cathraiche an stèidheachd agus tha e na bhall de chùirt an oilthigh. Mar sin tha àite cudromach aige anns an rùn againn a bhith nar n-oilthigh sgìreil sònraichte agus ùr-ghnàthach a tha aithnichte aig an ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

“Feumar co-chomhairle a dhèanamh ris an stèidheachd agus a chead fhaighinn mus tèid rùn a ghabhail ris a dh’atharraicheas a’ bhun-reachd no a cheadaicheas com-pàirtichean acadaimigeach ùra a ghabhail a-steach. Tha buill fa leth cuideachd nan tosgairean airson an oilthigh agus an rùn aige.”

Bha Anton na eòlaiche-fiosaig mara fad a’ mhòr-chuid de a bheatha, a’ cur eòlas-mara ri cùisean a thaobh cuairteachadh mara, truailleadh mara, dìon, cultar-mara agus stiùireadh agus riaghladh mara. Bha obraichean aige mar òraidiche, neach-saidheans agus manaidsear aig Comann Saidheans Mara na h-Alba UHI agus Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, agus tha e a-nis ag obair mar cho-chomhairliche mara neo-eisimeileach. Tha e na chaidreamhach ann an Institiud an Fhiosaigs, na bhall de Cholaiste Acadaimigeach Comhairle Rannsachaidh na h-Àrainneachd Nàdarra, rùnaire air a’ chomhairle coimhearsnachd aige, deasaiche air an iris aig an Scottish Rock Garden Club, comhairliche saidheansail do dh’Fhoram Rannsachaidh Cultar-mara na h-Alba, na bhall de dh’Fhoram Inbhir Tatha agus na àrd-ollamh urramach ann an Oilthigh Chill Rìbhinn.

Notaichean do luchd-deasachaidh

Is iad seo na reachdairean a bh’ ann roimhe:

Donaidh Rothach
An Ridire Alistair MacPhàrlain
An t-Oll Val NicÌomhair
Garry Coutts