Home na meadhanan naidheachdan Is i Laura, tè a thuigeas na meadhanan, oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI

Is i Laura, tè a thuigeas na meadhanan, oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI

17 Iuchar 2012
Is i Laura, tè a thuigeas na meadhanan, oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI

Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI Laura NicIllInnein aig Fèis Cheilteach Innse Gall am-bliadhna far an do dh'obraich i mar neach-cuideachaidh do BBC Radio nan Gàidheal

Thuirt òraidiche Laura, Mòrag Stiùbhart: “Bha obair Laura sa bhliadhna mu dheireadh aice air leth, dìreach, is i a’ faotainn ìre A anns gach uile measadh. Agus Gàidhlig aice o dhùthchas, tha i fìor dhealasach airson a’ chànain agus toileach sin a chur an cèill sa chlas agus air àrainn an oilthigh. Bha i na modail anabarrach math do dh’oileanaich, agus le cho dealasach ’s a tha i airson a’ chànain is a’ chultair tha i na h-eisimpleir air leth do luchd-ionnsachaidh is fileantaich na Gàidhlig an dà chuid air àrainn an oilthigh agus nas fhaide às.”

Thuirt prionnsapal Shabhail Mhòir Ostaig UHI an t-Àrd-ollamh Boyd Robasdan: “’S i Laura a’ chiad oileanach a cheumnaich le urram sa chùrsa Gàidhlig is na Meadhanan agus rinn i sin aig sàr-ìre a’ cosnadh ceum sa Chiad Rang.  A bharrachd air a h-euchdan barraichte sgoileireach, tha Laura air cur gu mòr ri beatha nan oileanach agus tha i air a bhith na tosgaire ainmeil dhan t-Sabhal Mhòr air greisean gnìomhachais, ann an ceanglaichean le buidhnean bho thaobh a-muigh na Colaiste agus rè na h-ùine a bha i aig oilthigh ann an Èirinn.”

Thuirt Laura fhèin: “Tha mi uabhasach fhèin toilichte a bhith air m’ ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI is bha e ciatach sin a chosnadh is gun mi idir am fiughair ris. Na ceithir bliadhna seo chaidh a chuir mi seachad san Eilean Sgitheanach, chòrd iad rium gu mòr, is bha mi gu math fortanach na h-òraidichean as fheàrr a bhith agam airson na Gàidhlig agus nam Meadhanan an dà chuid. Tha seo mìorbhaileach mar chrìoch air a’ bhliadhna mu dheireadh agam aig an t-Sabhal Mhòr.”

Coisnidh Laura £150 mar oileanach na bliadhna Shabhail Mhòir Ostaig UHI. Gheibh i an duais aice nuair a cheumnaicheas i air 5 Dàmhair, agus thèid i air aghaidh cuideachd mar thagraiche airson duais oileanach na bliadhna Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean san fharsaingeachd.

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan
Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222
Post-dealain: susan.szymborski@uhi.ac.uk