Home na meadhanan naidheachdan Fear à Moireibh air ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna

Fear à Moireibh air ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna

Dimàirt 3 Dùbhlachd

Tha ceumnaiche bho Cholaiste Mhoireibh UHI, air a bheil dà thinneas ainneamh ginteil, an dèidh bhith air ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Chaidh Jim Robasdan (60) a thaghadh airson na duais airson euchdan pearsanta agus euchdan acadaimigeach air leth.

Chaidh a mheasadh gun robh Friedrich’s Ataxia agus Dystonia air Jim nuair a bha e 30 bliadhna a dh’aois. Bidh na tinneasan ainneamh ag adhbharachadh lasachadh de dh’fhèithean, crùbaidhean agus trioblaidean cainnt. Tha na tinneasan aige a’ ciallachadh gu bheil Jim a’ cleachdadh cathair-cuibhle le motair, gu bheil e a’ fàs sgìth gu luath agus gu bheil trioblaidean aige le bhith a’ bruidhinn, a’ sgrìobhadh agus a’ taidhpeadh.

A dh’aindeoin nan dùbhlain seo, rinn e HNC ann an coimpiutaireachd air stèidh pàirt-ùine aig Colaiste Mhoireibh UHI ann an 2007. Bhon uair sin, dh’obraich e gu cruaidh gus toraidhean acadaimigeach air leth a chosnadh, a’ coilionadh BSc ann an coimpiutaireachd le àrd-chliù tron oilthigh na bu tràithe air a’ bhliadhna seo.

Mhìnich an t-Oll Ian Barnes, an neach-oide acadaimigeach pearsanta aig Jim agus stiùiriche prògraim airson cùrsa coimpiutaireachd an oilthigh: “Rinn Jim obair de dh’àrd-inbhe gu cunbhalachd, gu tric a’ dèanamh fada a bharrachd na bha feum air. Fhuair e ceum le àrd-chliù, a’ ciallachadh gur e A a fhuair e anns a’ chumantas, rud a tha na euchd air leth do dh’oileanach sam bith. Do dh’oileanach aig an robh dùbhlain den t-seòrsa seo, ’s e euchd mìorbhaileach a bh’ ann.”

Chaidh Jim a thaghadh mar a’ chiad Oileanach IT Fujitsu na Bliadhna anns an Iuchar, agus an uair sin mar Oileanach na Bliadhna aig Colaiste Mhoireibh UHI anns an Dàmhair. Chaidh e air adhart do dhuais iomlan Oileanach na Bliadhna aig an oilthigh le aon-deug neach eile às a’ chom-pàirteachas agus chaidh fhoillseachadh air 26 Samhain aig Latha Stèidheachaidh an oilthigh anns a’ Ghearasdan gun do shoirbhich e.

Chaidh Jim a thaghadh mar Oileanach na Bliadhna le pannal de bhreitheamhan air an robh prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthigh, deadhan nan oileanach agus iar-phrionnsapal comann nan oileanach. Fhuair e seic airson £250 cho math ri teisteanas le ainmean-sgrìobhte A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, seansalair an oilthigh, agus Seumas Friseal, a phrionnsapal agus iar-sheansalair.

Agus e a’ bruidhinn mun duais aige, thuirt Jim: “Is e rud nach robh mi idir am fiughar, duais oileanach na bliadhna iomlan aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean fhaighinn. Is e urram mòr a th’ ann a bhith a’ faighinn na duais seo, gu sònraichte leis gun robh na tagraichean eile cho airidh air.

“Bha an luchd-obrach uile aig Colaiste Mhoireibh UHI gu math taiceil dhomh, gam bhrosnachadh agus gam chuideachadh nam chuid ionnsachaidh, agus tha mi fad an comain. Gu dearbh, chuir am brosnachadh a fhuair mi bhuapa ris an diongmhaltas agam a thaobh a bhith a’ coilionadh nan amasan agam agus ag obair a dh’ionnsaigh ceum.”

Thuirt Seumas Friseal, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “’S iad tagraichean làidir a bh’ againn airson Oileanach na Bliadhna, ach tha Jim airidh air an duais. B’ urrainn dhuinn uile ionnsachadh bho a leanailteachd agus a dhiongmhaltas, a tha a’ sealltainn nach eil dùbhlain sam bith ann a tha ro mhòr ma dh’obraicheas sinn gu cruaidh agus le fòcas. Tha Jim na thosgaire air leth airson an oilthigh agus tha mi an dòchas gum faigh daoine eile dùsgadh-inntinn às na choilion e. Bu toigh leam meal-a-naidheachd a chur air Jim agus na tagraichean eile airson Oileanach na Bliadhna agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachaidh dhaibh.”

Thuirt Anna Liondsaidh, prionnsapal an gnìomh aig Colaiste Mhoireibh UHI:  “Bu toigh le Bòrd Stiùiridh agus luchd-obrach Cholaiste Mhoireibh UHI meal-a-naidheachd a chur air James airson na duais air leth seo. Tha e gu math airidh air an tiotal seo agus e ag aithneachadh na h-obrach acadaimigeach air leth aige agus cho dìcheallach ’s a tha e air a bhith feadh a ionnsachaidh.”

Agus e an dèidh crìoch a chur air a’ chùrsa BSc aige, tha Jim a’ beachdachadh air a bhith a’ tilleadh gus BSc (Urr) ann an coimpiutaireachd a chrìochnachadh leis an oilthigh an ath-bhliadhna.